Ruairidh MacThòmais

  • 26 Am Màrt 2012
Ruairidh MacThòmais
Image caption Tha gu leòr den bheachd nach dh'fhuair MacThòmais an cliù air an robh e airidh mar bhàrd

Chaochaill fear de shàr-bhàird na Gàidhlig, Ruairidh MacThòmais, aig aois 90.

Thug MacThòmais buaidh mhòr air saoghal cultarail na Gàidhlig, agus e gu mòr an sàs ann am foillseachadh sa chànan, bho stèidhich e an taigh-foillsichidh agus an iris ràitheil Gairm, còmhla ri Fionnlagh Dòmhnallach, ann an 1951.

Bha MacThòmais na fhear-deasachaidh air an iris suas gu 1964.

Sgrìobh e cuideachd A Companion to Gaelic Scotland, mar leabhar-iùil do shaoghal na Gàidhlig tro na linntean.

Briathran So-thuigseach

Bhuinneadh e do Phabail Uarach anns an Rubha ann an Leòdhas, ged a chuir e seachad mòran de a shaoghal ann an Glaschu, agus e ag obair aig Oilthigh Ghlaschu mar Àrd-Ollamh a' Cheiltis eadar 1961 agus 1991.

Dh'fhoillsich e seachd chruinneachaidhean de a chuid bàrdachd fhèin - a' chiad leabhar Far Road a' nochdadh ann an 1970, agus am fear mu dheireadh, Sùil air Fàire a' tighinn an clò ann an 2007.

Dh'fhoillsich e trì chruinneachaidhean de bhàrdachd eachdraidheil agus ùr-nòsach, a thuilleadh air naoi leabhraichean sgoileireil fo ainm fhèin, agus a bhith na cho-ùghdair air sia leabhraichean eile mu dheidhinn cultair agus cànain ann an Alba.

Thug a chuid obrach tron taigh-foillseachaidh Gairm cothrom do mhòran sgrìobhadairean Gàidhealach tighinn fo aire an t-sluaigh.

"Chan e a-mhàin gun robh e na shàr-bhàrd, agus na shàr-sgoilear cuideachd agus na leabhraichean a dh'fhoillsich e - mar eisimpleir An Introduction to Gaelic Poetry, The Companion to Gaelic Scotland, agus leabhraichean air làmh-sgrìobhainnean MhicDiarmaid, ach cuideachd nuair a stèidhich e Clò Ghairm, agus an ràitheachan Gairm," thuirt an sgrìobhadair Anna Frater.

"Tha mi cinnteach às gu bheil a' chuid as motha de sgrìobhadairean de m'aois agus nas sine, gur ann an Gairm a chaidh an obair aca fhoillseachadh an toiseach.

"Bha e an sàs cuideachd ann a bhith a' stèidheachadh Comhairle nan Leabhraichean.

"Le sin, chan ann a-mhàin a thaobh an litreachais a bha e fhèin a' cruthachadh agus an rannsachadh a bha e a' dèanamh air litreachas dhaoine eile, ach cuideachd gun robh e a' brosnachadh sgrìobhadairean ùra, a' feuchainn ri litreachas na Gàidhlig a chur air bun-stèidh na bu thèarainnte anns an 20mh Linn.

"Tha mi a' smaoineachadh, anns a' bhàrdachd aige, gu bheil e a' toirt dhuinn sealladh gu math geur agus gu math onorach air saoghal na Gàidhlig agus staid na Gàidhlig.

"Ged a bha e uaireannan, dh'aithnicheadh tu, na bhriseadh-cridhe dha a bhith ag aideachadh cho cugallach 's a bha staid na Gàidhlig anns an là an-diugh.

"Tha mi a' smaoineachadh gun robh sin follaiseach gu h-àraid anns a' chruinneachadh mu dheireadh a thug e a-mach.

"Ach cuideachd inntinn gheur, agus bha fealla-dhà gu leòr ann cuideachd.

"Agus dòigh air an rud a bha e a' feuchainn ri ràdh a mhìneachadh ann an dòigh a bha gu math soilleir, furasta a leantainn.

"Ach aig an aon àm, cha robh e sìmplidh. Bha teachdaireachd gu math domhainn aige aig amannan, ach bha i air a cur ri chèile ann am briathran a thuigeadh daoine," thuirt i.

Tha cuid de dh'eòlaichean a' cumail a-mach nach d'fhuair MacThòmais an cliù air an robh e airidh.

"Chaidh a dhìochuimhneachadh beagan saoilidh mi," thuirt Sgrìobhadair an t-Sabhail Mhòir, Pàdraig MacAoidh.

"Leis a' bhàrdachd aige, cha robh duine riamh anns a' Ghàidhlig a bha cho math ris a bhith a' dèanamh dealbh de dhaoine, gu h-àraidh muinntir Leòdhais.

"Cha robh bàrd riamh ann a bha cho geur, cho èibhinn agus cho puingeil - ach cha d'fhuair e an cliù a fhuair sgrìobhadairean eile.

"Chan eil teagamh sam bith nach do dh'fhàg e dìleab a tha cho prìseil dhuinn.

"Thuirt Iain MacAonghais uair gun do rinn Ruairidh MacThòmais barrachd airson nan Gàidheal agus ar cultair agus ar cànain na duine eile sam bith a bh' ann riamh.

"Bhithinn fhìn ag aontachadh le sin.

"Chan ann dìreach a thaobh na h-obrach a rinn e na sgoilear, mar fhoillseachair, mar thidsear, ach a thaobh gu sònraichte, na bàrdachd a sgrìobh e.

"Uaireannan bidh sinn a' diochuimhneachadh dìreach dè cho math 's a bha e mar bhàrd.

"Air adhbhar air choireigin cha bhi sinn a' bruidhinn mu dheidhinn san aon dòigh 's a tha sinn a' bruidhinn mu dheidhinn Shomhairle Mhic Gill-Èain.

"Dhomh fhìn dheth, chan eil teagamh sam bith agam gun robh e air fear de na bàird as fheàrr a bh' anns an 20mh Linn, agus tha sin a' ciallachadh fear de na bàird as fheàrr a bh' ann bhon 18mh Linn," thuirt e.