Fearg luchd-iomairt an aiseig

  • 22 Am Màrt 2012
Bàt-aiseig Lord of the Isles Image copyright Iain Smith
Image caption Tha dragh mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith an sg`ire mur a faigh iad ceangail ri Malaig

Ann an deasbad sa Phàrlamaid Albannaich madainn Diardaoin air seirbheis aiseig eadar Loch Baghasdail is Malaig, thuirt Rùnaire a' Bhun-structair, Ailig Neil, gum beachdaich Riaghaltas na h-Alba air molaidhean sam bith bhon choimhearsnachd, ach gun cosgadh e £26m bàta ùr a cheannach airson na seirbheis.

Ach chaidh a' bhuidheann-iomairt, 'The Missing Link' às àicheadh gum biodh an leithid de chosgais ann, agus iad ag ràdh gu bheil bàta aig Caledonian Mac a' Bhriuthainn mar thà a ghabhadh cleachdadh airson na seirbheis.

Dh'iarr na Làbaraich taic na Pàrlamaid son seirbheis ùr a stèidheachadh, ach chur Buill-Phàrlamaid Albannach taic ri seasamh an Riaghaltais, gun èist iad ri beachd na coimhearsnachd, mus foillsich iad plana deireannach nan aiseagan nas fhaide den bhliadhna.

Tha co-chomhairleachadh poblach an Riaghaltais air seirbhisean aiseig na h-Alba a' ruith gu deireadh a' Mhàirt.

Thuirt am Ball Làbarach, Rhoda Ghrannd, a dh'iarr an deasbad, nach eil an Riaghaltas a' toirt feairt air feumalachdan na coimhearsnachd.

'S ann dhan Òban a tha seirbheis aiseig Loch Bàghasdail a' seòladh an-dràsta, ach bha uair ann a bha i a' dol a Mhalaig.

Tuilleadh air an sgeulachd seo