1,000 cosnadh san amharc am Bàgh an Eige

  • 22 Am Màrt 2012
Bàgh an Eige
Image caption Tha an gàradh dìreach air fosgladh as ùr as dèidh naoi bliadhna na thàmh

Tha am fear a tha os cionn na companaidh Global Energy, aig a bheil gàradh ola Bhàgh an Eige, air fàilte a chur air an naidheachd gun tèid sgìre shònraichte ghnìomhachais a dhèanamh den ionad.

Tha Roy MacGhriogair ag ràdh gu bheil e an dòchas 1,000 cosnadh a chruthachadh an dèidh naidheachd an t-seansalair Diciadain.

Thèid iomairtean ann an Irbhinn agus Dùn Dè a dhèanamh nan sgìrean sònraichte gnìomhachais cuideachd.

Gheibh na sgìrean sin cothrom air barrachd airgid-chalpa a ghlèidheadh ro chìsean.

Bidh am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, a' tadhail air gàradh Bhàgh an Eige aig deireadh na seachdain seo.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile