Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 Am Màrt 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cumhachdan Dhùn Èideann

Gheibh Pàrlamaid na h-Alba tuilleadh smachd air ionmhas le aonta eadar Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus Dùn Èideann. Bheir sin tuilleadh smachd do Holyrood air Cìs Teachd-a-steach, agus còir air airgead a ghabhail air iasad. Chaidh an aonta a ruigheachd le Riaghaltas Lunnainn gu bhith a' cur às do phlana airson cuid de chumhachdan na h-Alba a thilleadh gu ruige Westminster air thuigse nach tachair sin a-niste ach le cead Phàrlamaid na h-Alba. Chaidh aontachadh cuideachd gum bi ath-sgrùdadh ann air àite Prìomh Chùirt na Rìoghachd Aonaichte ann an lagh na h-Alba.

Am Buidseat

Gearraidh an Seansalair Seòras Osborne ìre na cìse as àirde do dhaoine air pàigheadh còrr is £150,000 gach bliadhna bho 50sg san Not, gu 45sg. Tha e coltach cuideachd gun tèid an t-suim-airgid a dh'fhaodas daoine cosnadh mus tòisich iad a' pàigheadh Cìs Teachd-a-steach air suas gu £9,000. Tha dùil cuideachd gun toir buidseat an t-Seansalair an-diugh inbhe shònraichte do leasachadh air làrach gnìomhachais Bhàgh an Eige air a' Ghàidhealtachd.

Toulouse

Tha Poilis le gunnachan fhathast aig taigh ann an Toulouse ann an ceann a deas na Frainge, far a bheil fear a tha fo amharas gur e a mharbh tidsear agus triùir chloinne aig sgoil Iubhaich sa bhaile Diluain. Dh'innis an duine cuideachd do na Poilis gur esan a mharbh triùir shaighdear an t-seachdain seo chaidh, agus gu bheil ceanglaichean aige ri al Qaeda. Tha tìodhlacadh an triùir chloinne agus an tidseir a' dol air adhart ann an Ierusalem an-diugh.

Chaidh boireannach à Breatainn a shaoradh an dèidh sia mìosan am bruid ann an Somàilia. Chaidh suim-airgid a phàigheadh airson Judith Tebutt a shaoradh, agus tha i a-niste aig Àrd-Choimisean Bhreatainn ann an Nairobi, am prìomh bhaile ann an Ceinia.

Curriculum airson Sàr-mhaitheis

Thàinig fuasgladh air an deasbad eadar Riaghaltas na h-Alba agus tidsearan mun Churriculum airson Sàr-mhaitheis agus deuchainnean ùra. Dh'aontaich an Riaghaltas tuilleadh trèanaidh a thoirt do thidsearan, agus tuilleadh ghoireasan do na sgoiltean. Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim, Mìcheal Russell, gu bheil esan den bheachd gun tèid a' chuis as motha de sgoiltean air adhart a-niste leis na deuchainnean ùra seach dàil a chur orra airson bliadhna.

Bàta-slaodaidh

Dh'aidich Ministear Oifis na h-Alba, Dàibhidh Mundell, gum feum seirbheis-èiginn de sheòrsa air choireigin a bhith sa Chuan Sgìth. Bha e a' bruidhinn an dèidh do bhàta-cargo a dhol air creagan far Uibhist a Tuath oidhche Luain, dìreach dà là an dèidh do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte seirbheis bàta-slaodaidh nam Maor-cladaich a thoirt air falbh. Thuirt Mgr Mundell gu bheil e a' bruidhinn ris na h-ùghdarrasan ionadal mun t-suidheachadh, agus gun dèan e follaiseach don Riaghaltas gum feum seirbheis-èiginn de sheòrsa air choireigin a bhith ann.