Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 Am Màrt 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ìre na h-Atmhorachd

Thuit Ìre na h-Atmhorachd san Rìoghachd Aonaichte dhan ìre as ìsle ann an 15 mìosan. Thuit sin, a rèir Oifis na Staitistig Nàiseanta bho 3.6% gu 3.4% anns a' Ghearran. Tha Oifis na Staitistig Nàiseanta ag ràdh gun do chuir prìsean dealain is gas saora ris an ìsleachadh sin.

Iasadan do Ghnìomhachas

Chuir còig bancaichean an ainm ri sgeama Riaghaltais airson iasadan nas saoire a thoirt do ghnìomhachas. Seasaidh Roinn an Ionmhais luach £5bn de chreidis do na bancaichean a leigeas leothasan iasad le riadh nas ìsle a thoirt do chompanaidhean. Tha Caidreachas nan Gnìomhachasan Beaga ag ràdh ge-tà, nach dèan an sgeama mòran feum dha na companaidhean as lugha.

Bàta-slaodaidh

Tha gearain ann nach do dh'innis Riaghaltas Westminster do dh'ùghdarrasan mar Chomhairle nan Eilean Siar agus Ùghdarras Cala Steòrnabhaigh, gun robh iad a' toirt air falbh tug nam Maor-cladaich anns a' Chuan Sgìth air an deireadh sheachdain. Thàinig leudachadh trì mìosan air a' chùmhnant gu ceann Disathairne, agus ged a chaidh innse do riochdairean nan comhairlean ionadal an-dè gu bheil an Riaghaltas fhathast an dòchas gun gabh an roinn phrìobhaideach an t-seirbheis, tha dragh ann mu dè thachras san eadar-ama.

Agus thuirt feadhainn a tha a' strì airson bàta-slaodaidh a chumail anns a' Chuan Sgìth gu bheil mar a thachair do bhàta-cargo Dùitseach far chladach Uibhist a Tuath an-raoir a' dearbhadh gum feum tug fuireach anns an sgìre. Chaidh am bàta, Flinterspirit, air na creagan, agus an dèidh dhi tighinn dhiubh air an làn, chaidh a toirt a Steòrnabhagh le taic bàta-teasairginn Steòrnabhaigh agus tug Shealtainn. Thuirt BP nan Eilean Siar aig Westminster, Aonghas Brianan MacNìll, gu bheil na thachair a' dearbhadh cho gòrach 's a tha e an Cuan Sgìth fhàgail gun bhàta-slaodaidh.

An Fhraing

Tha mionaid de shàmhchar ann an sgoiltean air feadh na Frainge an-diugh, mar chuimhneachan air an tidsear agus triùir chloinne a chaill am beatha nuair a loisg fear le gunna orr aig sgoil Iubhach ann an Toulouse anns a' mhadainn an-dè. Tha na Poilis gu làidir den bheachd gur e seo an aon duine 's a rinn dà ionnsaigh an t-seachdain seo chaidh anns an deach triùir shaighdear a mharbhadh.

Glaschu 's Dùn Èideann

Tha rannsachadh ùr ag ràdh gu bheil cliù Ghlaschu 's Dhùn Èideann mar bhailtean mòra ionmhais a' fulang. Fhuair sgrùdadh eadar-nàiseanta gu bheil iad air tuiteam air a' chlàr de na bailtean as fheàrr airson malairt is gnìomhachais, agus gur e gearraidhean ann an gnìomhachas bancaireachd gach baile as coireach.