Carbadan a' siubhal air loidhne rèile
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Rathad an t-Stroim air fhosgladh gu ìre

20 Am Màrt 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dh'fhosgail seach-rathad an t-Sroim air Taobh Siar Rois an-diugh - gu ìre co-dhiù.

Chaidh carbadan a stiùireadh seachad air a' phìos den rathad air an do thuit creagan ron Nollaig, air an loidhne rèile a tha dìreach ri thaobh.

Leanaidh bàta chàraichean Ghleann Eilge a' frithealadh na sgìre airson a' chòrr dhen t-seachdain, ach tha ceist ann fhathast, cuin a dh'fhosglas an rathad gu h-iomlan.