Coimiseanairean air an ainmeachadh

  • 16 Am Màrt 2012
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Coimiseanairean ùra croitearachd

Chaidh toradh na bhòt airson buill Choimisein ùr na Croitearachd a thaghadh, fhoillseachadh.

'S e seo a' chiad turas riamh a chaidh taghadh deamocratach a chumail airson buill a chur air a' Choimisean a tha an urra ri riaghladh na croitearachd.

Dh'ainmich an Riaghaltas triùir bhall iad fhèin toiseach na bliadhna: Susan Walker, William Swann, agus Sandy Cross.

Bha cothrom aig croitearan bhòtadh airson còignear choimiseanair eile.

Image copyright Other
Image caption Cha deach taghadh deamocratach a chumail sa Choimisean riamh

'S iad na daoine a chaidh a thaghadh: Kathleen Smith airson Sealtainn; Dòmhnall Uilleam Ros airson Taobh Sear na Gàidhealtachd; Murchadh MacIllFhinnein airson nan Eileanan Siar; Iain Seòras Dòmhnallach airson Taobh Siar na Gàidhealtachd, agus Cailean Niall MacUalraig airson Iar-dheas na Gàidhealtachd.

Cha do sheas duine an aghaidh a' Choimiseanair a bh' ann an Arcaibh is Gallaibh, Arnold David Pirie.

Thuige seo, 's e Coimisean nan Croitearan a th' air a bhith air a' Choimisean.

Bhon ath-mhìos ge-tà, 's e Coimisean na Croitearachd a bhios air, agus 's ann ri sin a chaidh na buill ùra a thaghadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile