Dragh mu dheamocrasaidh ann an Coimisean ùr na Croitearachd

  • 15 Am Màrt 2012
Baile Croitearachd Image copyright Other

Tha fear a bha uair na bhall de Choimisean nan Croitearan air dragh a thogail nach bi Coimisean ùr na Croitearachd cho deamocratach 's a dh'fhaodadh e a bhith.

Tha dragh air Ruairidh Moireach gur e tuilleadh riaghailtean a bhios san amharc aig a' bhuidhinn seach a bhith a' seasamh chòirichean nan croitearan.

Thèid na bhòtaichean ann an taghadh nan coimiseanairean ùra a chunntadh Dihaoine.

Dh'ainmich an Riaghaltas triùir bhall a tha iadsan air a thaghadh toiseach na bliadhna. 'S iad Susan Walker, William Swann agus Sandy Cross.

Tilleadh

Fo Achd Ath-leasachaidh na Croitearachd (2010) chaidh iarraidh air a' Choimisean na goireasan uile aca a chur mu choinneimh riaghlaidh nas fheàrr air chroitearachd.

"Dh'fhaodadh an cruth a thèid air a bhith nas fheàrr na tha e," thuirt Mgr Moireach.

"Agus tha e tàmailteach nach eil a h-uile ball gu bhith air an taghadh leis na croitearan, an àite cuid dhiubh a bhith air an taghadh leis na croitearan agus cuid eile air an taghadh leis an Riaghaltas.

"Saoilidh mi gu bheil cothrom ann an sin gum bi sgaradh mòr anns a' Choimisean, bhon, an fheadhainn a th' air am fastadh leis na croitearan, bidh na croitearan a' sùileachadh gun dèan iadsan an rud a tha iadsan ag iarraidh, agus an fheadhainn a th' air am fastadh leis an Riaghaltas, feumaidh iad poileasaidh an Riaghaltais a choileanadh.

"'S e ceum air adhart a th' ann, ach dh'fhaodadh an ceum a bhith na b'fheàrr agus na bu mhotha na tha e.

"Nam biodh iad air an cothrom a thoirt do na croitearan a bhith a' taghadh nan coimiseanairean iad fhèin air fad, agus gum biodh an Riaghaltas an uair sin a' taghadh Cathraiche a' Choimisein, sin far am biodh an t-adhartas.

"Bidh iad comasach air a bhith a' coiteachadh agus a' bruidhinn às leth chroitearan, mar a bha iad a-riamh. Chan eil dad dheth sin a' dol a dh'atharrachadh.

"Ach saoilidh mi, ma tha an cuideam gu bhith air riaghladh, agus "riaghladh" a' ciallachadh toirt chroitean air falbh bho dhaoine a bh' anns na teaghlaichean aca bho chionn linntean, agus a bhith a' cumail sùil air ciamar a tha iad gan obrachadh, saoilidh mi gur e dìreach an t-slighe cheàrr a bhiodh an sin buileach glan.

"Feumaidh sinn cuimhneachadh gu bheil na croitearan a th' ann an-dràsta, tha an treas earrann de na croitearan sin a' tilleadh air ais chun nan croitean aca an ceann sreath.

"Ach ma thèid an toirt air falbh bhuapa cha bhi an cothrom sin aca tilleadh air ais dha na sgìrean aca fhèin.

"'S e call mòr a bhiodh an sin, gu bheil sinn a' call leantainneachd nan teaghlaichean sin anns na sgìrean seo," thuirt e.

Thuirt fear-labhairt bhon Riaghaltas gur e ceum mòr dha-rìribh a th' ann gu bheil, airson a' chiad turais riamh, cothrom aig croitearan buill a' Choimisein a thaghadh.

Thuirt iad gum bi an Coimisean fhèin nas deamocrataiche ri linn sin, agus gum bi sin gu buannachd na croitearachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile