Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 Am Màrt 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tubaist Choidse

Chaidh 22 duine-cloinne a mharbhadh ann an tubaist bus sna h-Alps anns an Eilbheis. Chaidh sianar inbheach a mharbhadh agus mu 24 duine de dh'òigridh eile a tha mu 12 bliadhna de dh'aois a ghoirteachadh. Thuirt poilis gun robh iad a' siubhal dhachaigh chun na Beilge an dèidh turais a sgitheadh anns na h-Alps nuair a bhuail am bus ann am balla ann an tunail.

An Cion Cosnaidh

Dh'èirich an àireamh a tha gun chosnadh an Alba agus air feadh na Rìoghachd Aonaichte a-rithist. Tha na figearan bho Oifis na Staitistig Nàiseanta ag ràdh gu bheil an àireamh dhaoine a tha gun obair an Alba suas 6,000 gu 234,000. Tha àireamh na Rìoghachd Aonaichte air fad suas 28,000, gum faisg air 2,700,000 - an àireamh as àirde bho chionn 17 bliadhna.

Afganastan

Tha aithrisean ann gun deach ochdnar shìobhaltach a mharbhadh nuair a sprèadh boma ann an sgìre Helmand ann an Afganastan. Bha bomadh cuideachd ann an Kandahar, am baile anns an do mharbh saighdear Aimeireaganach 16 duine den t-sluagh air an deireadh sheachdain nuair a loisg e orra le gunna. Tha Rùnaire Dìon nan Stàitean Aonaichte, Leon Panetta, ann an Afganastan an-diugh aig toiseach turais thrì là, agus tha coltas ann gun aontaich Breatainn agus na Stàitean Aonaichte cuideachd tèarainnteachd Afganastan fhàgail aig feachdan na dùthcha sin fhèin nas tràithe na bha dùil.

Iapan

Chaidh rabhadh air tsunami a chur a-mach ann an Iapan an dèidh crith-thalmhainn fon mhuir beagan an ear-thuath air an dùthaich. Thòmhais a' chrith-thalmhainn aig 6.8 air Clàr Richter.

Dùnadh Sgoiltean

Bidh luchd-lagha do Riaghaltas na h-Alba a' cur dìon aig Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Èideann an-diugh air an dòigh anns an do chuir an Riaghaltas stad air Comhairle nan Eilean Siar bho bhith a' dùnadh ceithir sgoiltean. Seo an dàrna là de dh'èisteachd far a bheil a' Chomhairle a' tagradh an aghaidh co-dhùnadh an Riaghaltais, a chuir stad air planaichean airson bun-sgoiltean ann an Seileabost agus Càrlabhagh a dhùnadh, còmhla ri roinnean àrd-sgoile ann an Lìonail agus Siabost.

Peart

Chaidh inbhe mar chathair-bhaile a thoirt do Pheart. Thàinig dearbhadh air sin bhon Riaghaltas an-diugh, 's e air tachairt mar phàirt de na tha a' comharrachadh gu bheil a' Bhànrigh air a bhith 60 bliadhna air a' Chrùn. Chaidh an aon inbhe a bhuileachadh air Chelmsford ann an Sasainn, agus St Asaph anns a' Chuimrigh.