Stiùideo
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 Am Màrt 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Paul McBride

Tha rannsachadh post mortem ga dhèanamh ann am Pagastan air an fhear-lagha Albannach Paul McBride, air an tàinig bàs aithghearr an sin air an deireadh sheachdain. Chaidh Mgr McBride, a bha 47, fhaighinn marbh na leabaidh ann an taigh-òsta ann an Lahore, an dèidh dha gearain an oidhche ron a sin nach robh e a' faireachdadh gu math. Thuirt Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Uilleam Hague, gu bheil iad a' dèanamh na 's urrainn dhaibh airson cuideachadh le dust Mhgr McBride a thoirt air ais a dh'Alba.

Siria

Tha buldozers a' glanadh na th' air fhàgail de sgìre Baba Amr ann am baile Homs ann an Siria, air an do rinn feachdan an Riaghaltais sgrios an t-seachdain seo chaidh. Tha an sluagh a tha a' teicheadh às ag ràdh gu bheil feachdan tèarainnteachd an Riaghaltais a' marbhadh dhaoine gun adhbhar, agus tha a' Chrois Dhearg ag ràdh nach d'fhuair iadsan cead fhathast a dhol a-steach dhan sgìre.

Curriculum airson Sàr-Mhaitheis

Thèid sgrùdadh oifigeil a dhèanamh air dè cho deiseil 's a tha sgoiltean na h-Alba airson a' churriculum ùr airson Sàr-Mhaitheis a chur an sàs. Tha aonaidhean luchd-teagaisg, agus am Pàrtaidh Làbarach air a bhith ag iarraidh dàil sna deuchainnean airson gum faigh sgoiltean ullachadh ceart. Thèid Rùnaire an Fhoghlaim, Mìcheal Russell, a cheasnachadh mun chùis ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh.

Cìsean

Dhearbh Rùnaire a' Ghnothachais, Vince Cable, gu bheil na Liberalaich Dheamocratach agus na Tòraidhean ann an Riaghaltas na Co-bhanntachd a' bruidhinn mu dhòighean ùra air cìsean a chur air daoine beartach ma 's e 's gun tèid cur às do dh'ìre an 50sg air Cìs a' Chosnaidh anns a' Bhuidseat. Thuirt Mgr Cable ris a' BhBC gu bheil iad a' beachdachadh air cìs "mansion tax" a chur air daoine aig a bheil taighean mòra luachmhor. ]

Inbhe Bhreatannach na Gàidhlig

Chuir sianar Bhall-Pàrlamaid an ainm ri gluasad ag iarraidh na h-aon inbhe dhan Ghàidhlig ann am Breatainn 's a th' aig a' Chuimris. 'S e am Ball Làbarach Tom Harris a chuir an gluasad air adhart aig Westminster, agus esan ag ràdh gu bheil e cudromach gum bi cothromachd aig a' chànan.

Sgoil Ghàidhlig

Tha e coltach gum faodadh sgoil Ghàidhlig ùr fosgladh sa Ghearasdan nas tràithe na bha dùil. Bha Comhairle na Gàidhealtachd an dùil gum biodh i deiseil airson na bliadhna 2016-17. Ach cluinnidh Comhairlichean gum bu chòir sin a thoirt air adhart bliadhna leis gum biodh an obair na bu shaoire. Bidh Comataidh an Fhoghlaim a' bruidhinn cuideachd air sgoil Ghàidhlig do Phort Rìgh, ged nach eil càil de dh'fhios cuin a thèid i sin a thogail.

Aiseag an t-Sròim

Tha aiseag chàraichean an t-Sròim air Loch Carrann na tàmh a-rithist. Bhris am bàt-aiseig goirid an dèidh dhi tilleadh gu seirbheis sa mhadainn an-diugh, agus thuirt Comhairle na Gàidhealtachd nach eil fhios aca cuin a thèid a càradh. Agus leis mar a tha a' ghaoth ag èirigh chan eil luchd-einnsiniridh deònach an rathad a tha iad a' càradh an dèidh maoim-slèibhe fhosgladh nas motha. Tha dùil ri Ministear Còmhdhail na h-Alba, Cè Brown, san sgìre feasgar a dh'fhaicinn chùisean dha fhèin.