Dàil air seirbheis aiseig an t-Sròim

  • 2 Am Màrt 2012
Seach-rathad an t-Sròim
Tha obair a' dol air a' chreig os cionn an rathad, as dèidh maoim-slèibhe aig àm na Nollaige

Bidh Diluain ann aig a' char as tràithe mus bi am bàta chàraichean a' seoladh a-rithist eadar Port an t-Sròim agus Sròm a Tuath.

Chaidh an Glenachulish a tholladh feasgar Diardaoin nuair a bha i a' tighinn a-steach dhan chidhe san t-Sròm a Tuath.

Tha luchd-sgrùdaidh bho Bhuidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich a' dol a sgrùdadh a' bhàta, 's ma bheir iad cead seachad, thathas am beachd a toirt a Chiseorn airson obair càraidh.

San eadar-ama, chaidh seach-rathad an t-Sròim fhosgladh airson dà uair de thìde sa mhadainn leis a' bhuidhinn a tha a' càradh an rathaid, 's leig iad càraichean troimhe fo chùram mhionaideach.

Bidh a rathad fosgailte eadar 4:00f agus 6:00f, agus an uair sin 07:00m agus 09:00m.