Gealltanas air sgeama a' chonnaidh

  • 1 Am Màrt 2012
Danny Alexander
Image caption Bha Danny Alexander san Eilean Sgitheanach son toiseach an sgeama a chomharrachadh.

Thuirt Àrd-Rùnaire an Ionmhais, Danny Alexander, gun dèan e rannsachadh air casaidean gu bheil companaidhean a' dèanamh prothaid às an sgeama ùr aig Riaghaltas Westminster son prìs a' chonnaidh a lùghdachadh.

Thòisich an sgeama Diardaoin is 5sg a' tighinn far prìs gach liotair de pheatrol 's diesel aig a' phumpa ann an eileanan na h-Alba

Tha teagamhan mòr ann mun diofar a nì an sgeama ge-tà is prìsean connaidh air èirigh a-rithist anns na h-Eileanan anns na seachdainnean a chaidh.

Bha Mgr Alexander fhèin an làthair aig Stèisean Peatroil Uige san Eilean Sgitheanach madainn Dhiardaoin son toiseach an sgeama a chomharrachadh.

Thuirt e gun coimhead e air na casaidean a tha air nochdadh.

Thuirt e gum faodadh Oifis na Malairt Cothromaiche - a tha mar-thà a' sgrùdadh prìsean connaidh anns na h-Eileanan an Iar - a dhol an-sàs gus an t-suidheachadh a rannsachadh.

"Tamailt"

"Ma 's e agus gu bheil companaidhean a' dèanamh prothaid às a seo gun buannachd a thoirt dha eileanaich - 's e tamailt mhòr a bhiodh ann", thuirt e.

"Tha an Riaghaltas air an sgeama seo a chur air adhart gus am faigh eileanaich buannachd às, is bhiodh e ceàrr nam biodh duine sam bith a' dèanamh prothaidean mòra às".

Thuirt Mgr Alexander ge-tà nach tèid rannsachadh a dhèanamh gun fianais gu bheil mì-fheum ga dhèanamh den sgeama.

"Feumaidh mi a bhith soilleir mun a seo - chan eil fianais sam bith agam gu bheil companaidhean a' dèanamh prothaid às a seo - agus dh'fheumadh an fhianais sin a bhith againn", thuirt e.

Tha Mgr Alexander ag ràdh gu bheil e an dòchas gun dèan an sgeama feum do choimhearsnachdan eileanach.

Thuirt e gur e sgeama pileat a th'ann agus gur dòcha gun tèid a leudachadh gu sgìrean dùthchail air tìr mòr air a' cheann thall, ma soirbheachas leis.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile