Tubaist rathaid ann an Leòdhas

  • 27 An Gearran 2012
Ciribhig Image copyright Other
Image caption Thachair an tubaist air an A958 oidhche Haoine

Tha Polais a' Chinn a Tuath air boireannach a cheasnachadh mu thubaist rathaid ann an Leòdhas aig an deireadh sheachdainn anns an deach fireannach a bha a' coiseachd an rathaid a ghoirteachadh.

Chaidh an duine, a tha 59, a leagail le càr air an rathad eadar Calanais agus Carlabhagh mu 7f oidhche Dhihaoine.

Thuirt na polais gun tàinig am boireannach thuca às dèidh dhaibh fiosrachadh iarraidh bhon phoball.

Tha na polais fhathast a' rannsachadh na cùise agus thèid aithisg mun tubaist a chur gu Neach Casaid a' Chruìn.

Thathar a' tuigsinn nach eil an duine a chaidh a ghoirteachadh ann an cunnart a bheatha.