Buidheann taic ùr son prìomh lìog na h-iomain

  • 21 An Gearran 2012
Cluicheadairean iomain Image copyright bbc
Image caption Bidh a' chompanaidh a 'cumail taic ris a' phrìomh lìog son dà bhliadhna.

Tha Comunn na Camanachd air innse gum bi companaidh ùr a' cur taic ri prìomh lìog na spòrs.

'S iad a' bhuidheann Orion a bhios a' cur taic ris an lìog airson dà bhliadhna.

Tòisichidh an Orion Group Premiership, mar a th' air a-nis, air an 3mh là dhen Mhàirt.

Cha deach innse dè cho luachmhor 's a tha seo dhan spòrs, ach thuirt Comunn na Camanachd gum biodh e na chuideachadh ann a bhith a' leasachadh na spòrs.

Thuirt Torcuil MacLeòid bho Chomunn na Camanachd gu bheil triùir oifigearan leasachaidh ag obair làn-thìde aig a' bhuidhinn mar thà.

Leasachaidhean ùra

"Tha iadsan a' faighinn taic bho àireamh àrd de choidseachan saor-thoileach agus daoine eile air feadh na dùthcha.

"Tha airgead den t-seòrsa seo a' toirt cothrom dhuinn, neo a' toirt buidseat dhaibh-san airson rud beag a bharrachd a dhèanamh anns na sgìrean aca.

Thuirt Mgr MacLeòid cuideachd: "Tha sinn cuideachd 's dòcha a' coimhead air leasachaidhean ùra a chur an gnìomh tron t-seusan."