Stiùideo
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An Gearran 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Neo-eisimeileachd

Tha am Prìomhaire Dàibhidh Camshron, 's am Prìomh Mhinistear Ailig Salmond, air a bhith a' dèanamh soilleir nam faireachdainnean a th' aca air neo-eisimeileachd air thoiseach air còmhraidhean eadar an dithis an-diugh fhathast. Tha dùil gun can Mgr Camshron ann an òraid ann an Dùn Èideann feasgar, gum biodh e na b' fheàrr dhan a h-uile pàirt den Rìoghachd Aonacihte an t-Aonadh a chumail. Thuirt Mgr Salmond gun robh na beachdan sin seann-fhasanta.

Casey-Lyanne Kearney

Nochd boireannach aois 26 ann an Cùirt nam Maighstirean-lagha ann an Doncaster an-diugh fo chasaid gun do mhuirt i an deugaire Casey-Lyanne Kearney, aois 13 bliadhna. Chaidh a' sàthadh gu bàs ann am pàirc ann an Doncaster. Thuirt pàrantan na h-ìghne gur i nighean bhrèagha is chomasach is a bh' innte le beatha fhada air thoiseach oirre. Chaidh Hannah Bonser a chumail ann an grèim.

Rangers

Tha cluicheadairean is luchd-obrach eile Rangers a' coinneachadh ris an luchd-rianachd an-diugh gus barrachd fhaighinn a-mach mu na gearraidhean a th' anns an amharc don chluba. B' fheudar do Rangers a dhol ann an rianachd nas tràithe an t-seachdain seo agus fiachan mòra orra ri Roinn na Cuspainn 's nan Cìsean. Thathar a' tuigsinn gun tèid innse dhan luchd-obrach nach eil dol às ann ach gun tèid cuid de dhreuchdan a ghearradh.

Chris Huhne

Tha Chris Huhne, a bha roimhe na Rùnaire Cumhachd, agus an tè a bha pòsta aige air nochdadh anns a' chùirt còmhla airson a' chiad turais agus iad fo chasaid gun do chuir iad bacadh air ceartas. Chaidh fhàgail air a' bhall Lib-Deamach gun do dh'iarr e air Vicky Pryce na puingean peanais a ghabhail an dèidh mar a chaidh esan a ghlacadh a' dràibheadh ro luath cha-mhòr deich bliadhna air ais.

Buidseat Chomhairle nan Eilean Siar

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gun robh iad an dòchas gun deadh aca gun toirt air daoine na dreuchdan aca fhàgail an aghaidh an toil as dèidh do chomhairlichean gearraidhean anns a' bhuidseat aca aontachadh an-raoir. Thèid còrr math air £3m de shàbhalaidhean a dhèanamh thairis air an ath-bhliadhna-ionmhais. Thuirt Aonghas Caimbeul, ceannard na Comhairle, gun robh e pròiseil mun dòigh anns an d'fhuair iad air seirbhisean agus obraichean dhaoine a dhìon, ged a bha roghinnean a bha gu math doirbh aca ri dhèanamh.

BAE Systems

Tha a' chompanaidh dìon is tèarainteachd as motha ann am Breatainn - BAE Systems - air innse gun do thuit na prothaidean aca 14% ann an 2011 gu beagan a bharrachd air £19bn. Thuirt iad nach b' urrainn dhaibh gealltainn nach deadh obraichean a chall.

A' Bhruach an Iar

Tha poilis Pailistinianach ag ràdh gun deach co-dhiù ochdnar chloinne a mharbhadh air a' Bhruaich an Iar an dèidh do bhus na sgoile anns an robh iad a' siubhal bualadh ann an làraidh. Chaidh co-dhìu 30 duine cloinne eile a leòn cuideachd.