Stiùideo
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An Gearran 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cosnadh

Tha an àireamh dhaoine a tha a' lorg obrach ann an Alba air èirigh 16,000 a rèir nan àireamhan as ùire. Tha sin a' ciallachadh gu bheil àireamh cion-cosnaidh nas àirde aig Alba na an còrr den Rìoghachd Aonaichte. Tha an àireamh ann am Breatainn air fad aig nach eil cosnadh aig a 2.67m duine.

Comhairle nan Eilean Siar

Bidh comhairlichean nan Eilean Siar a' bhòtadh an-diugh fhathast air gearraidhean anns a' bhuidseat aca airson nan trì bliadhna a th' air thoiseach. Tha iad ag amas air còrr air £3m a shàbhaladh thairis air an ath bhliadhna-ionmhais. Agus tha a' Chomhairle an dùil coinneachadh feasgar ri Buidheann Còmhdhail Innse Gall gus bruidhinn air an àrdachadh ann am faraidhean bathair nan aiseagan a thèid a chur an sàs anns a' Ghiblean. Thuirt Ministear na Còmhdhail Keith Brown nach deadh na faraidhean an-àirde còrr air 50%, ri linn taic eile a thèid a chur an gnìomh. Ach tha luchd-bathair ag ràdh nach eil iadsan ag iarriadh ach RET a chumail.

Rangers

Tha an t-sabaid gus cluba buill-coise Rangers a shàbhaladh a' dol an-diugh agus iad ann an làmhan luchd-rianachd. Dh'fhaodadh tagraidhean eadar-dhealaichte a bhith ann feuch cò a ghabhas thairis na goireasan agus a bheir ath-bheòthachadh air a' chluba. Chan eil e soilleir an tèid aig Rangers air an cluicheadair Daniel Cousin a chumail a bharrachd.

Neo-eisimeileachd

Tha Comataidh Thaghte nan Cumantan air cùisean Albannach air liosta fhoillseachadh de na ceistean a tha iad ag ràdh nach deach a fhreagairt fhathast mu neo-eisimeileachd. Tha na buill-phàrlamaid ag ràdh gu bheil fiosrachadh a bharrachd a dhìth air riaghladh bhancaichean, airgead na dùthcha agus seirbheisean dìon Alba. Tha iad ag ràdh gum feum soilleireachadh tighinn air na cuspairean sin mus tèid co-dhùnadh deireannach sam bith a ruighinn. Ach tha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba ag ràdh gu bheil co-dhùnaidhean na Comataidh leibideach agus gur e cùis nàire a th' ann dhan fheadhainn a sgrìobh an aithisg.

Eaconamaidh na Gearmailt

Tha àireamhan eaconamach Eòrpach a' sealltainn gun do chrìon eaconamaidh na Gearmailt anns na trì mìosan mu dheireadh den bhliadhna an-uiridh. Chaidh GDP na dùthcha sìos 0.2%. Tha dùil gun seall àireamhan a nochdas an-diugh fhathast gur ann a' crìonadh beagan a tha eaconamaidh an Eurozone air fad air a bhith.

Ospadal an Rathaig Mhòir

Chaidh uard ann an Ospadal an Rathaig Mhòir a dhùnadh ri euslaintich ùra agus an galair C-Difficile air nochdadh as ùr. Bha duilgheadasan aig an ospadal air a' mhìos a chaidh seachad leis an galair a bualadh air deichnear. Chaidh uard a dhùnadh an uair sin cuideachd, agus chaidh pàirt de dh'obair-lannsa an ospadail a chur dheth.