'Obair-bhrathaidh' nam meadhanan sòisealta

  • 10 An Gearran 2012

Tha Comhairle Earra Ghàidheal is Bhòid air neach a chur far an obrach rè ùine.

Tha seo a' tighinn an lùib rannsachaidh air 'obair-bhrathaidh nam meadhanan sòisealta'.

Thathar a' tuigsinn gu bheil ceannard conaltraidh na comhairle, Jo Nic a' Ghobhainn aig meadhan na connspaid.

Mhìnich ise do cho-labhairt ann an Glaschu gun robh i air cunntaisean fuadain a chruthachadh son sùil a chumail air daoine a bha a' càineadh an ùghdarrais.

Cunntasan brathaidh

Tha grunn dhaoine air càineadh a dhèanamh air Comhairle Earra Ghàidheal is Bhòid air làraich-lìn stèidhichte san sgìre.

Bha ceannard conaltaidh na Comhairle cheanna air innse do cho-labhairt ann an Glaschu gun robh i air 'cunntasan brathaidh' a chruthachadh.

Thuirt i gun d'rinn i seo airson sùil a chumail gun fhiosta air buidhnean a bha ag obair an aghaidh na comhairle.

Cha chanadh an t-ùghdarras mòran aig an ìre-sa ach gun deach aon neach-obrach a chur às an dreuchd rè ùine.

Dhearbh iad cuideachd gu bheil iad air rannsachadh a chur air dòigh agus nach ceadachadh iad gu bràth obair dhìomhair an lùib nam meadhanan sòisealta,

Tha tè de na làraich as motha a bhios a' dèanamh càinidh air a' chomhairle, 'For Argyll', ag ràdh gum bu chòir dhaibh an neach seo a chur às an dreuchd uile gu lèir.

Tha luchd-deasachaidh na làraich cuideachd ag iarraidh air a' chomhairle a dhèanamh soilleir an deach cead a thoirt seachad na cunntasan seo a chruthachadh.

Timcheall a' BhBC