Companaidh Cumhachd Comhairle nan Eilean Siar

  • 10 An Gearran 2012

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' deasachadh airson Companaidh Chumhachd a stèidheachadh.

Bhiodh a' bhuidheann a' gabhail earrannan ann am pròiseactan cumhachd ath-nuadhachail agus a' reic dealain ri muinntir nan eilean agus tìr-mòr.

Tha oifigearan na Comhairle dòchasach gun urrainn dhaibh ceangail ri griod-dealain na Roinn Eòrpa a thathas a' moladh.

Dh'fheumadh cosgaisean son dealan a reic ris a' ghriod nàiseanta thighinn a-nuas son a dhèanamh èifeachdach.

Tha an luchd-leasachaidh a tha an sàs san tuath-gaoithe air talamh Urras Steòrnabhaigh a' tabhainn 20% de dh'earrannan sa phròiseact do mhuinntir an àite.

Tairgse

A-rèir oifigearan aig Comhairle nan Eilean Siar tha a h-uile coltas ann gun tèid gabhail ris an tairgse sin.

Thèid obair a thòiseachadh gus pàipear stiùiridh ullachadh airson Companaidh Giullachd Cumhachd nan Eilean Siar a chuir air dòigh.

Bheireadh seo cothrom don ùghdarras ionadail airgead a chur mu choinneamh phròiseactan cumhachd ath-nuadhachail ionadail.

Bhiodh cead aca cuideachd dealan a reic aig ìre ionadail agus cuideachd a reic do mhargaidhean air tìr-mòr.

Tha draghan ann ge-tà gum faodadh cosgaisean àrda do bhuidhnean sna h-eileanan airson ceangail dhan ghriod a bhith na chnap-starra.

Ach tha planaichean aig an Roinn Eòrpa airson griod fon mhuir a stèidheachadh, le ceangal dhan lìonradh far chosta Bharraigh.

Bhiodh sin a' ciallachadh gum biodh e tòrr na bu shaoire dealan às na h-eileanan a reic air feadh na Roinn Eòrpa.