Ministear Riaghaltais "ag èisteachd" ri draghan mu SAC

  • 9 An Gearran 2012

Thuirt Ministear na h-Àrainneachd, Stiùbhart Stevenson, gu bheil e ag èisteachd ri na draghan a th'air muinntir Bharraigh a thaobh sgìrean glèidhte mara SAC.

Bha Mgr Stevenson a' bruidhinn ann an deasbad mun chùis ann am Pàrlamaid na h-Alba feasgar Dhiardaoin.

'S e am ball Tòraidheach, Jamie MacGriogair, a chuir an deasbad air adhart.

Thogadh ceistean mun bhuaidh a bhios aig SAC a tha san amharc son Caolas Bharraigh, agus SAC eile far Mhiughalaigh, air muinntir na sgìre agus eaconomaidh an àite.

Bha luchd-iomairt à Barraigh is àitechan eile anns na h-Eileanan an Iar a' togail fianais an aghaidh nam planaichean taobh a-muigh na pàrlamaid Diardaoin.

Tha dragh mòr orra gun dèan sgìre SAC ann an Caolas Bharraigh cron mòr air eaconomaidh an eilein.

"Crìoch"

"Cuiridh e crìoch air an iasgach mun cuairt Bharraigh", thuirt fear den luchd-iomairt, Uilleam Dùghlas.

"Tha a' choimhearsnachd againn air a bhith ag obair anns na h-àiteachan seo son iomadh bliadhna, agus an dèidh a h-uile sgath a chumail ann an deagh dhòigh".

"Tha iad son an t-àite a dhùnadh oirnn", thuirt e.

Thuirt am ministear gum bi an riaghaltas a' toirt feart air a' bhuaidh a dh'fhaodadh an suidheachadh a thoirt air an eaconomach nuair a bhios iad a' tighinn gu co-dhùnadh.

Choinnich Mgr Stevenson ri cuid den luchd-iomairt ron deasbad.

Rannsachadh

Tha e ag ràdh gu bheil e air gealltainn an tuilleadh rannsachaidh air buaidh eaconomach nam planaichean air Barraigh.

Tha co-chomhairle a rinn SNH air SAC Chaolas Bharraigh dìreach air tighinn gu ceann.

Thig an Riaghaltas gu co-dhùnadh às dèidh dhaibh beachdachadh air an fhiosrachadh a gheibh iad bho SNH.

Tha SAC Mhiughalaigh aig ìre nas adhartaiche, is e ann an làmhan a' Choimisein Eòrpaich às dèidh do Riaghaltas na h-Alba taic a chur ris.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile