Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An Gearran 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

RBS

Dh'aidich àrd-oifigear Bhanca Rìoghail na h-Alba, Stephen Hester, gun do bheachdaich e, son ùine ghoirid, air am bu chòir dha a dhreuchd a leigeil seachad, an dèidh na h-ùpraid an t-seachdain a chaidh mun bhonus a chaidh a thabhann dha. Thàinig air Mgr Hester earainnean luach faisg air millean not a dhiultadh ri linn càinidh bhon phobal agus bho luchd-poileataics. Dh'aidich e nach do thuig e an toiseach cho làidir sa bha daoine a' faireachdain mun chùis.

Siria

Tha aithrisean à Siria ag ràdh gu bheil feachdan an riaghaltais a' toirt ionnsaigh chruaidh air baile Homs son 5mh là sreath a chèile. Thuirt luchd-iomairt gun deach còrr is 40 duine a mharbhadh dìreach là an dèidh dhan Cheann-suidhe Assad a ràdh gu robh e airson stad a chuir air an fhòirneairt.

SAC Bhàrraigh

Bidh Barraich a' togail fianais aig Pàrlamaid na h-Alba an aghaidh phlanaichean sgìre ghlèidhte SAC a stèidheachadh ann an Caolas Bharraigh. Tha Dualchas Nàdar na h-Alba air an t-àite a chomharrachadh mar sgìre fìor chudromach a thaobh àrainneachd. Ach tha muinntir an àite iomagaineach mun bhuaidh a bhios aig an làraich air an iasgach agus air leasachaidhean eaconamach. Cumar deasbad mun chùis sa phàrlamaid feasgar.

Maoir-chladaich

'S iad heileacoptairean Bristows a fhuair an cùmhnant goirid dhan Mhaoir-chladaich ann an ceann a tuath na h-Alba. Cleachdaidh a' chompanaidh Sikorsky S-92, a bhios stèidhicht ann an Steòrnanbhagh agus Sumburgh fad 4 bho 2013.

RET

Tha fear de thagraichean Pàrtaidh Naiseanta na h-Alba ann an taghadh Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh nach seas e dhan SNP a-nis, an dèidh do Riaghaltas na h-Alba dearbhadh nach bi faraidhean aiseig RET ri fhaotainn do làraidhean. Thuirt Iain Don MacIomhair nach leigeadh a chosgais leis am pàrtaidh a riochdachadh. Thuirt e cuideachd nach do rinn e co-dhùnadh deireannach fhathast mu an seas e mar neo-eisimeileach.

Farchluais nam fònaichean

Chuala an Àrd-chùirt gun d'thàinig 9 neach eile, a tha ag ràdh gu robh an News of the World a' farchluais air na fònaichean aca, gu aonta leis a' chompanaidh fhoillseachaidh, Buidheann-naidheachd Rupert Mhurdoch. Tha dùil ri aona chùis shiobhalta eile, sin tè Charlotte Church agus a pàrantan a bhios ann Diluain.

Thomas Cook

Chaill a' chompanaidh siubhail Thomas Cook beagan 's £150m anns na 3 mìosan gu deireadh na bliadhna an-uiridh. Thuirt neach labhairt na companaidh gu bheil iad an dùil cuid dhen mhaoin aca, luach mu £2m a reic, thairis air a' bhliadhna gu leth a tha romhainn, ann an oidhirp piseach a thoirt air an t-suidheachadh.