Barraich ag iomairt aig Holyrood

  • 8 An Gearran 2012
Pàrlamaid na h-Alba
Image caption Bidh feadhainn à Barraigh a' togail fianais mun SAC aig Holyrood feasgar.

Togaidh Barraich fianais aig Pàrlamaid na h-Alba an-diugh an aghaidh nam planaichean airson sgìre ghlèidte mara (SAC) a stèidheachadh ann an Caolas Bharraigh.

Thathas a' moladh SAC a stèidheachadh sa chaolas airson an àrainneachd a dhìon.

Tha mòran ann am Barraigh a' cumail a-mach ge-tà gur ann a dh'faodadh luchd na h-àrainneachd agus droch shaidheans eaconomaidh an eilein a mhilleadh.

Tha iad ag ràdh gu sònraichte gum faodadh SAC cron mòr a dhèanamh air an iasgach agus stad a chur air leasachaidhean.

Togaidh buidheann à Barraigh fianais na aghaidh aig Holyrood an-diugh ro dheasbad mun chùis feasgar.

'S e am ball Tòraidheach son na Gàidhealtachd, Jamie MacGriogair, a dh'iarr an deasbad.

Tha an gluasad aige a' nochdadh dhraghan mu na planaichean son SAC ann an Caolas Bharraigh agus mu SAC eile a tha san amharc far Mhiughalaigh.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil SNH a' cur crìoch air comhairle a bheir iad do mhinistearan, às dèidh dhaibh co-chomhairle a bha farsaing a dhèanamh air SAC ann an Caolas Bharraigh.

Thig an Riaghaltas gu co-dhùnadh às dèidh dhaibh beachdachadh air an fhiosrachadh a gheibh iad bho SNH.

Tuilleadh air an sgeulachd seo