Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An Gearran 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Tha Ministear Cèin na Ruis ann an Siria son còmhraidhean leis a' Cheann-suidhe Assad, a tha a' diùltadh stad a chur air an fhòirneart an aghaidh an fheadhainn a tha a' togail fianais na aghaidh. Son 4mh là an sreath a chèile tha arm Shiria air a bhith a' losgadh air baile Homs. Chàin riaghaltasan an taobh shiar an Ruis son a bhith a' cur an aghaidh rùn bhon UN, a dh'iarr gun deadh stad a chur air an aimhreit.

Ian Paisley

Thuirt buill dhan DUP gu bheil iad gu math iomagaineach mu sheann cheannard a' phàrtaidh, an t-Urramach Ian Paisley, a tha an-dràsta san ospadal. Tha Mgr Paisley, a bha na Phrìomh Mhinistear ann an Èirinn an Tuath, agus a tha 85 bliadhna, air a bhith ann an ionad dlùth chùram bho LÀ na Sàbaid, agus trioblaidean aige le a chridhe.

Abu Qatada

Thuirt Riaghaltas Westminster gu bheil iad fhathast airson gun tèid an clèireach radigeach, Abu Qatada, a chuir a Ìordan, a' dh'aindeoin dhan chùirt co-dhunadh an-dè gum b'urrainn dha a bhith air a shaoradh air urras. Tha Oifis na Dùthcha ag ràdh gu bheil e na chunnart do theàrainnteachd na dùthcha.

RET

Coinnichidh Buidheann Còmhdhail Innse Gall ri Ministear na Còmhdhail an Dùn Èideann an-diugh, is iad a' strì airson faraidhean aiseig saora RET a chumail airson làraidhean. Tha an riaghaltas airson an sgeama a ghearradh airson làraidhean bho dheireadh na h-ath mhìos - atharrachadh a chuireadh faraidhean suas 80%. Tha buaireadh ann cuideachd mu cò gheibh chun na coinneimh.

Hearts

Tha ùghdarrasan cìse a' feuchainn ri cluba ball-coise Hearts a chuir ann an làmhan luchd-rianachd. Tha 8 là aig a' chluba na cìsean aca a phàigheadh. Seo an 5mh turas ann am beagan bhliadhnachan a chaidh bagairt an cluba a thoirt gu cùirt mu chìsean. San Dùbhlachd thàinig orra cunntas de chorr is £100,000 a phàigheadh. Thuirt Hearts gu bheil iad misneachail gun tèid a' chùis a rèiteach ann an ùine nach bi fada.

Banca Dhail Chluaidh

Dh'fhaodadh gun tèid toirt air Banca Dhail Chluaidh obraichean a ghearradh, neo dh'fhaodadh gun tèid a reic, mar phàirt de dh'àth-sgrùdadh na companaidh Astràlianaich leis a bheil e. Tha Banca Nàiseanta Astràilia a' coireachadh fàs slaodach ann an eaconamaidh na Rìooghachd Aonaochte, agus buaidh nan sàbhalaidhean aig Riaghaltas Westminster. Chan eilear dhan bheachd gun toir e cus buaidh air bancaichean a' phrìomh shràid.

Ùlpan

Dh'aidich Bòrd na Gàidhlig nach coilean Ulpan an targaid gus daoine a thoirt gu a bhith a' bruidhinn na Gàidhlig. Ged a tha faisg air 2000 duine air a bhith an-sàs sna cùrsaichean, chan eil uidhir air crìoch a chuir air 's a bha còir. Chan urrainn dhan bhòrd a ràdh dè cho goirid 's a bhios iad air an targaid, ach ghabh iad ris gum bi iad pìos mòr dheth.