Bileag Ùlpan
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Ceistean a bheil Ùlpan freagarrach son na Gàidhlig

7 An Gearran 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dh'aidich Bòrd na Gàidhlig nach coilean iad an targaid airson luchd-labhairt ùr a chruthachadh tro chùrsaichean bogaidh Ùlpan.

Tha sin a dh'aindeoin taic-airgid luach £250,000 a chaidh a chur ris a' chompanaidh a tha a' ruith Ùlpan.

Mur a ruig am Bòrd air an targaid aca na h-uidhir de luchd-Gàidhlig ùr a thoirt air adhart, cha bhi an cànan maireann.