Nighean òg a' slaodadh bhana

  • 3 An Gearran 2012
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Nighean òg a' slaodadh bhana a h-athar

Tha nighean 16 bliadhna air aithne fhaighinn mar an nighean as làidire am Breatainn.

Ghlèidh Bronwyn Nic an Tàilleir à Cùl Lodair 4 buinn òir aig farpais togail cuideim nàiseanta an-uiridh.

Tha i fhathast anns an sgoil agus ag ionnsachadh gruagaireachd.

Ach tha an nighean òg seo a-nis a' dèanamh deiseil airson an ath fharpais aice - agus Geamachan Oilimpigeach Rio de Janeiro ann an 2016.

Agus mar phàirt den ullachadh sin, bidh air a' slaodadh bhana a h-athair anns a bheil 2.5 tonna de chuideam.

Nuair a bhios a' chuid as motha de dheugairean deiseil san sgoil, bidh iad mar as trice a' dol dhachaigh.

A' togail cumhachd

Ach chan ann mar sin a tha cùisean do Bronwyn.

Image copyright bbc
Image caption Tha Bronwyn comasach air a dhà uidhear den chuideam a th' innte fhèin a thogail.

Nuair a bhios an là-sgoile aicese seachad, bidh an tè òg seo a' dèanamh air an talla-spòrs.

Chan eil ach bliadhna bhon thòisich Bronwyn a' togail cumhachd.

Ach tha i a-nis comasach air a dhà uidhear den chuideam a th' innte fhèin a thogail.

Agus tha i an dràsta a' trèanadh gu cruaidh airson an ath dhùbhlain aice - Farpais Bench Press Bhreatainn.

Mar phairt den trèanadh aice, thuirt a h-athair rithe gum faodadh i a' bhana aige a shlaodadh.

Spiorad

Bha Bronwyn amharrasach nach biodh an comas aice: "Thuirt m'athair rium gum b'urrainn dhomh a dhèanamh.

"Thuirt mise, chan sheadh, chan eil mi smaointinn gun tèid agam air a dhèanamh.

Ach chuir i iongnadh oirre fhèin: "Cheangail e mi ris a' bhana agus rinn mi e air a' chiad oidhrip gun trioblaid sam bith!

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Nighean sgoile a' slaodadh bhana a h-athar

Agus 's e an spiorad sin a tha ga fàgail cho soirbheachail san spòrs.

Tha Somhairle Dòmhnallach a tha a' teagasg aig Acadamaidh Cùl Lodair far a bheil Bronwyn na h-oileanach.

Ìomhaigh

Tha esan ag ràdh gu bheil iad uile gu math moiteil aiste.

"Tha i air fìor dheagh ìomhaigh a chruthachadh, dhan chloinn-nighean eile gu h-àraid, anns an sgoil a tha seo.

Bhuannaich Bronwyn 4 buinn òir aig ìre nàiseanta ach tha i a-nis ag amas air an fharpais spòrs as cliùitiche a th' ann.

Tha i air tòiseachadh a' trèanadh mar tha airson pàirt a ghabhail ann an Geamachan Oilimpigeach Rio de Janeiro ann an 2016.

San eadar-ama tha Bronwyn a' gleusadh nan sgilean eile aice - tha i a' trèanadh cuideachd airson a bhith na gruagaire.

Sin nuair nach eil i a' slaodadh bhana a h-athar.