Planaichean airson RET "gòrach" a rèir eòlaiche

  • 1 An Gearran 2012

Rinn luchd-iomairt anns na h-Eileanan Siar toileachas ri beachd eòlaiche eaconomaich a thog teagamhan mòra mu phlanaichean Riaghaltas na h-Alba airson RET.

Thuirt an t-Ollamh Niall Kay gur e "gòraich eaconomach" a bhiodh ann cur às do RET airson carbadan coimearsalta.

Bha e ag ràdh gu fàsadh gnothaichean na bu daoire anns na h-eileanan agus gum biodh barrachd dhaoine a' dol gu bùithtean tìr-mòr.

Dh'fhalbhadh obraichean, tha e ag ràdh.

Thèid an sgeama RET a leudachadh anns a' Ghiblean, ach stadaidh na faraidhean saora do làraidhean bathair.

Ro chosgail

Tha Niall Kay, a tha na eòlaiche air còmhdhail agus aiseagan, an aghaidh an sgeama RET a th' ann an-dràsta cuideachd.

Thuirt e gu bheil e ro chosgaile agus gur e lùghdachadh de sheòrsa eile a b'fheàrr.

Thuirt a' bhuidheann iomairt a chaidh a stèidheachadh anns na h-eileanan airson feuchainn ri RET a chumail gur e RET a-mhàin a dh'iarradh iad agus nach eil moladh sam bith eile aca dhan riaghaltas aig an ìre-sa airson faraidhean saora.

Tha a' bhuidheann iomairt ag ràdh gun deigheadh faraidhean an àirde gu mòr - 172% air aon slighe - na falbhadh RET airson làraidhean agus gun dèanadh sin cron mòr air eaconomaidh nan eilean.

Tuilleadh air an sgeulachd seo