Plana son earrann eile den A9 a dhèanamh dà-fhillte

  • 31 Am Faoilleach 2012
Crùbainn Mhòr. Dealbh: Anndra Mac a'Ghobhainn Image copyright Other

Dh'fhoillsich Còmhdail na h-Alba planaichean an-diugh airson pìos eile de rathad an A9 a dhèanamh dà-fhillte.

Bha Ministear na Còmhdail, Cè Brown, ann am Peairt an-diugh a' foillseachadh taisbeanaidh oifigeil air na planaichean.

Bheir seo cothrom dhan mhòr-shluagh na planaichean airson an rathad eadar Longartaidh agus Biornam fhaicinn.

Tòisichidh an obair air an earrainn seo ann an 2017.

Tha an taisbeanadh fosgailte dhan phoball agus ri fhaicinn ann an Ionad Mhic an Deòir agus ann an Ionad Taisbeanaidh Pheairt.

Thuirt am Ministear gu bheil Riaghaltas na h-Alba air gealladh a thoirt gun tèid an A9 air fad a dhèanamh dà-fhillte.

Tha an Riaghaltas ag ràdh gun tèid an obair sin a thoirt gu crìch ann an 2025.

Slaodach

Rinn buill Làbarach càineadh làidir air an Riaghaltas Nàiseantach airson cho slaodach 's a tha am pròiseact a' gluasad air adhart.

Ach thuirt Maighstear Brown: "Cha bhi - agus chan urrainn - do phròiseactan cho mòr ri seo tachairt sa bhad.

"Ach mar a tha na planaichean mionaideach seo a' sealltainn, tha an obair dealbhachaidh aig ìre adhartach agus a leigeas leinn an obair a chrìochnachadh ron cheann-là againn.

Cosgaidh an earrann den rathad eadar Longartaidh agus Biornam £200m son a dhèanamh dà-fhillte.

'S e a' bhuidheann Còmhdhail na h-Alba a tha an urra ri prìomh rathaidean na h-Alba.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile