Ceannard chompanaidh ola a' dol gu coinneamh chonnaidh

  • 31 Am Faoilleach 2012
Ceannard GB Olils, Sam Chambers Image copyright bbc
Image caption Luchd-togail fianais a' nochdadh an cuid dhraghan.

Tha ceannard GB Oils, a' chompanaidh a tha a' cur a' chuid is motha de chonnadh do na h-Eileanan an Iar, a' dol a choinneachadh ri muinntir na sgìre aig coinneimh ann a Steòrnabhagh.

Bha Sam Chambers anns a' bhaile aig deireadh na bliadhna an-uiridh airson ceistean a fhreagairt bho luchd-poileataigs mu phrìs a' chonnaidh.

Chruinnich grunn luchd-iomairt taobh a-muigh oifisean na comhairle son fianais a thogail aig an àm.

An turas seo, 's e coinneamh fhosgailte a bhios ann.

Nuair a thàinig Mgr Chambers a Steòrnobhagh le cuireadh bho bhall-pàrlamaid Westminster na sgire, Aonghas Brianan MacNèill, choinnich e ri buill Phàrlamaid, comhairlichean agus riochdairean gnìomhachais.

Fiadhaich

Bha mu 50 ag iomart taobh a-muigh oifisean na Comhairle, 's iad gu math fiadhaich leis cho beag sa thuirt Mgr Chambers riutha nuair a bha e fàgail na coinneimh.

Tha Calum Iain Mac a'Mhaoilein, a tha air iomart a thòiseachadh mu phrìs a chonnaidh air coinneamh phoblach a chuir air dòigh a' tòiseachadh aig 19:00 a-nochd ann an oifisean na Comhairle.

Tha Mgr Chambers air aontachadh bruidhinn airson cairteal na h-uaireach agus an uairsin ceistean a fhreagart bho dhaoine san èisteachd.

Tha luchd-iomart ag ràdh nach gabh tuigsinn carson a tha connadh nan eilean cho daor, nuair a chaidh innse dhaibh-san nach cuireadh cosgais a thoirt air tancair mara dha na h-eileanan ach 2 neo 3 sgillinean air prìs an liotar.

Timcheall a' BhBC