Euslainteach le C.diff tinn an Ospadal a' Bhelford

  • 30 Am Faoilleach 2012
Dealbh meidigeach de C.diff Image copyright SPL
Image caption Dh'fhaodadh C.diff a bhith marbhtach do sheann daoine agus daoine a tha bochd mur tha

Tha coltas gu bheil euslainteach air an tàinig Clostridium difficile (C.diff) ann an Ospadal a' Ràthaig Mhòir tinn leis a' ghalar ann an ospadal eile air Ghàidhealtachd.

Bhathar dhen bheachd gu robh an t-euslainteach math gu leòr son a bhith air ghluasad bhon an Ràthaig Mhòr gu Ospadal a' Bhelford sa Ghearasdan.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun do dh'fhàs an t-euslainteach tinn leis a' ghalar a-rithist.

Tha an neach ga chumail air leth bho euslaintich eile.

Bha an t-euslainteach am measg ochdnar air an tàinig an galar, a dh'fhaodadh a bhith marbhtach, san Ràthaig Mhòr air a' mhìos a chaidh.

Chaidh dearbhadh gu robh e air an ochdamh neach Dihaoine a chaidh.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd nach eil cùisean ùra air a bhith ann bhon uairsin.

Dhearbh iad gur ann ann an uard 4C a tha an galar fhathast.

Chan eilear a' cur euslainteach ùra dhan uard, 's chan eilear a' gluasad feadhainn às, aig an ìre-sa.

Tha triùir euslainteach sa uard an-dràsta le C.diff, ach chan eil iad a' fulang cus leis.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile