Gainnead dhotairean na dhragh an ospadal Steòrnabhaigh
Dh'fhaodadh gun tèid toirt air dotairean-teaghlaich sna h-Eileanan an Iar a bhith ag obair tron oidhche san ospadal ann an Steòrnabhagh
Tha dragh air Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gum bi gainnead dhotairean ann an Ospadal nan Eilean sna bliadhnaichean ri teachd.
Tha e na chleachdadh do dhotairean òga dreuchdan a ghabhail san ospadal ann an Steòrnabhagh, ach tha iomagain air a' bhòrd gum bi gainnead ann am bliadhna.
Dh'aidich am Bòrd Slàinte gur dòcha gun tèid toirt air dotairean teaghlaich tighinn a-steach nan àite.
Thuirt Gòrdan MacSheumais bho Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar gu bheil dotairean teaghlaich mar tha, ag obair còmhla riutha aig amannan sònraichte.
“Start Quote
End Quote Dòmhnall Crichton Comhairle Slàinte na h-Albama bhios iad a' dol air adhart le beachdan a shireadh air an ath leasachadh seo, bidh sinne airson stiùireadh agus comhairle a thoirt dhaibh.”
"Bidh sinn gu mòr a' coimhead air dè seòrsa sgioba a bhiodh againn, mas 's e gun tachair e gun tèid an àireamh de dhotairean òga a lùghdachadh neo nan sguireadh iad ag obair tron oidhche".
Ìre thràthTha am Bòrd Slàinte air a dhèanamh soillear gu bheil gnothaichean aig ìre thràth fhathast agus gu bheil tha tòrr chòmhraidhean rin cumail fhathast am measg dhotairean, luchd-altraim is eile.
A-rèir Dhòmhnaill Chrichton bho Chomhairle Slàinte na h-Alba, bu chòir dhan bhòrd beachdan a shireadh air atharrachadh sam bith.
"Chan ann a-mhàin bho euslàintich agus bhon phoball, ach cuideachd bho luchd-obrach.
"Agus ma bhios iad a' dol air adhart le beachdan a shireadh air an ath leasachadh seo, bidh sinne airson stiùireadh agus comhairle a thoirt dhaibh.
"A' dèanamh cinnteach gu bheil iad a' dol timcheall a' chonaltraidh seo ceart agus rèidh.
DraghanThuirt Maighstear MacSheumais bhon Bhòrd: "aig an àm a tha seo, tha sinn ag obair còmhla ri luchd-obrach agus a' bruidhinn riutha.
"Tha sinn a' faighinn nam beachdan aca, na h-amasan aca, draghan sam bith a tha orra mu ghin de na modalan a dh'fhaodamaid a thoirt air adhart".
Cha bhi fios ann le cinnt am bi crìonadh san àireamh de dhotairean òga airson 2 neo 3 mìosan eile.
Ach tha e follaiseach gu bheil stiùirichean a' Bhuird Slàinte ag ullachadh airson an t-suidheachaidh far am faodadh gainnead dhotairean a bhith anns an ospadal ann an Steòrnabhagh.
~RS~q~RS~~RS~z~RS~56~RS~)

Gluasad cur às do dh'àrdachadh
Cànan na Cuimrigh a' crìonadh
Geamhradh air a' Ghàidhealtachd