Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh nas fhaisge

  • 26 Am Faoilleach 2012
Bun-sgoil Phort Rìgh Image copyright bbc

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a-nis a' coimhead ri bun-sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh ann an Ostail Eilginn ri taobh na h-Àrd Sgoile ann am Port Rìgh.

Air an ath-mhìos thèid iarraidh air Comataidh an Fhoghlaim cead a thoirt do sgrùdadh air an làrach sin agus air làrach eile - ostail nan nighean.

Ach chan eil e soilleir fhathast cò às a thig an t-airgead airson na sgoil ùir.

Tha pàrantan ann am Port Rìgh air am misneachadh leis gu bheil a' Chomhairle a' beachdachadh air an làraich-sa.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd cuideachd a' coimhead air ostail ùr a thogail ann am Port Rìgh.

Agus tha an t-ùghdarras ag amas air am pròiseact sin agus am plana son sgoil Ghàidhlig a chuir an lùib a chèile.

Plana Gàidhlig

Thuirt Cathraiche Comataidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, Hamish Friseal gu bheil iad a' bruidhinn ris an Riaghaltas mu ciamar a thèid iad air adhart le na planaichean.

"Tha sin againn anns a' phlana Ghàidhlig againn agus anns a' phlana Ghàidhlig ùr againn a thig a-mach a dh'aithghearr gum bi sinn a' togail dà sgoil Ghàidhlig anns na 4 neo 5 bliadhna a tha romhainn.

"Mar sin tha sinn a' bruidhinn ris an Riaghaltas. Tha sinn a' dèanamh mòran obrach timcheall air ciamar a gheibh sinn seo a chuir air adhart.

Tha Comann nam Pàrant ann am Port Rìgh ag ràdh gu bheil iad toilichte gu bheil gluasad ann.

Thuirt Faye NicNèill bhon Chomann gu bheil iad air a bhith a' feitheamh son còrr is 3 bliadhna airson na sgoile Gàidhlig.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Comhairle na Gàidhealtachd a-nis a' coimhead air bun-sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh ann an Ostail Eilginn ri taobh na h-Àrd Sgoile

"Tha sinn a' smaointinn gu bheil e gu math freagarrach a-thaobh 's gu bheil e ri taobh na h-àrd-sgoile agus gu bheil goireasan eile ann.

Agus tha Comann nam Pàrant ag ràdh nach eil dol às aig a' chomhairle a-nis ach bualadh orra leis na planaichean.

"Tha iad cheanna air £1.5m fhaighinn bhon riaghaltas airson sgoil Ghàidhlig sa Ghearasdan agus ann am Port Rìgh a stèidheachadh", thuirt a' Bh. Ph. Nic Nèill.

"Chanainn gu dearbh gu bheil dleasdanas orra an t-airgead a tha sin a chosg air an rud a chaidh a thoirt dhaibh air a shon.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile