Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

25 Am Faoilleach 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Crìonadh

Bha crìonadh de 0.2% ann an eaconomaidh Bhreatainn sna trì mìosan mu dheireadh den bhliadhna an uiridh. Tha na figearan bho Oifis nan Staitistig Nàiseanta beagan nas miosa na bha dùil agus e coltach gur e as coireach, gu ìre, gu bheil daoine air a bhith a' cleachdadh nas lugha dealain agus gas. Thuirt an ONS nach eil an seo ach a' chiad dreach de na figearan agus gum faodadh iad fhathast a bhith 0.2 % taobh seach taobh.

Referendum

Bidh Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, ag innse do Phàrlamaid na h-Alba an diugh mu phlanaichean son referendum air neo-eisimeileachd. Dh'inns e mu thràth gu bheil e airson gum bi an referendum sin as t-Fhoghar ann an 2014. Bidh trì mìosan ann de chonaltradh air na molaidhean. Bidh coinneamh naidheachd aig Mgr Salmond aig Caisteal Dhùn Èideann feasgar.

Coireachan Daonna

Thuirt Àrd Neach-tagraidh na Rìoghachd Aonaichte, Dominic Grieve, gu bheil e gu math cinnteach gun teid aig Breatainn air atharrachadh a thoirt air dòighean obrach Chùirt Eòrpach nan Còirichean Daonna. Bheir Daibhidh Camshron òraid do Chomairle na h-Eòrpa ann an Strasbourg an diugh agus e ag ràdh gum bu chòir dhan Chùirt aire a thoirt do fhìor dhroch eucoir an aghaidh cinne daonna seach a bhith a' cur seachad ùine a' dèiligeadh ri cùisean beaga. Thuirt Dominic Grieve gu bheil mòran dhùthchannan eile air an aon bheachd ri Breatainn.

RET

Coinnichidh companaidhean bathair nan Eilean Siar ri Ministear Còmhdhail na h-Alba, Cè Brown, ann an Dùn Èideann aig toiseach na h-ath mhìos a dh'innse dha cho fad' 's a tha iad an aghaidh atharrachadh air sgeama RET nam faraidhean aiseig saora. Thèid an sgeama RET a leudachadh sa Ghiblean ach thèid sguir den na faraidhean saora do laraidhean bathair. Agus chaidh ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba, Alasdair Allan, às àicheadh nach eil e fhèin agus Riaghaltas na h-Alba ag èisteachd ris an dragh a th'air luchd-gnothachais anns na h-Eileanan an Iar mun bhuaidh a bheireadh atharrachadh san RET orra. Bha Mgr Allan a' freagairt Chàthraiche Stòras Uibhist, Aonghas MacIlleMhaoil, a thuirt gu bheil esan den bheachd nach eil Mgr Allan neo an Riaghaltas ag eisteachd ris na tha daoine ag ràdh mu na h-atharrachaidhean.

Cumhachd uaine

Dh'fhaillich air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cur às do riaghladh san Àrd Chùirt gu bheil e mì-laghail dhaibh gearradh air ais air an teachd a-steach a tha daoine a' cosnadh bho reic dealain a bharrachd bho phanalan grèine. Ghabh Cùirt an Tagraidh ris an argamaid gun cuireadh gearradh den t-seòrsa sin deich thar fhichead mìle cosnadh sa ghnìomhachas ann an cunnart.

Connadh

Dh'aontaich cha mhòr a h-uile companaidh a tha a' reic connaidh anns na h-Eileanan an Iar agus ann an sgìrean iomallach air tìr-mòr na Gàidhealtachd a dhol an sàs ann an sgeama an Riaghaltais a bheir còig sgillinn gach liotair far prìs a' chonnaidh. Thuirt Àrd-Rùnaire an Ionmhais, Danaidh Alexander, gu bheil e an dòchas gun cuir a h-uile companaidh eile an ainm ris an sgeama mus tòisich i air a' chiad là den Mhàirt.