Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 Am Faoilleach 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sochairean sòisealta

Tha duil gu'n teid Taigh na Morairean gu fada an aghaidh phlanaichean 'son smachd a'chuir air sochairean soisealta. Tha an Riaghaltas na co-bhanntachd ann a Westminster 'son crioch, aig sia thar fhichead mile not gach bliadhna, mu choig ceud not 'san t-seachdainn, a'chuir air na dh'fhaodas teaghlaichean ann an Sasainn, Alba agus a Chuimrigh fhaighinn ann an sochairean. Ach tha Morairean Lib Deamach a'measg nachuireanb an aghaudh na moolaidjean sin an diugn fhthast agus iad aa'radh gu fagadh an t-atharrachadh sin moran ann am bochdainn.

Syria

Dhiult Syria plana ur na Liog Arabaich 'son stad a'chuir air an fhoirneart anns an duthaich agus iad a'radh nacheil ann ach cuil-bheairt nan aghaidh. Tha an Liog Arabach a'moladh chomhraidhean eadar Riaghltas Syria agus na partaidhean dubhlan gus an teid aca air riaghaltas a'steidheachadh eadar iad.

Rannsachadh bàis

Theid rannsachadh bàis a' dheanamh an diugh air corp deugaire a chaidh a' dhìth an Inbhir Nis Disatharna. Bha Scott Caimbeul, a bhoineadh do sgìre Nis ann an Leodhas, sia bliadhn' deug a dh' aois. Chaidh fhaicinn mu dheireadh aig buth-mòr Tesco sna h-Innseagan mu choig uairean madainn Disatharna. Chaidh a chorp fhaighinn ann an gàrradh ann an Culduthail an dè.

Bàs ospadail

Dhearbh polais gu'n do chaochail an coigeamh euslainteach aig Ospadal Stepping Hill ann an Stockport far am bheil iad a'rannsachadh amhurus gu'n deach euslaintich a mhurt. Chaochail am boireannach, a bha 60, an t-seachdainn seo chaidh. Chaidh an drip aice a'ghannrachadh le insulin aig deireadh na bliadhna an uiridh. Tha nurs ma sgaoil air urras an deidh a'chuir an greim fo amhurus gu'n do rinn e murt.

SAC Bharraigh

Thainig eolaiche-saidheans dha'n cho-dhunadh nach deach saidheans idir a' chleachdadh ann a molaidhean Dhualchas Nàdar na h-Alba 'son sgìre ghleidhte, SAC, a'steidheachadh ann an Caolas Bharraigh. Thug Iain Mitchell aithisg air a chùis do Chomhairle nan Eilean Siar. Tha SNH a dol as aicheadh nan casaid agus tha iad mì-thoillichte gu bheil e coltach gur e a chomhairle a dh' iarr an rannsachadh. Ach thuirt iad gun toir iad suil air na ceistean a chaidh an togail.

Cinn Lois

Coinnichidh teaghlaichean an àrim, a tha am beachd gluasad a Sasainn gu seann ionad an RAF ann an Ceann Lòis, ri riochdairean bho Chomhairle Mhoireibh an-diugh. Tha dùil gum bidh mu naoi ceud saighdear bho Reiseamaid Trì a Naoi - agus an teaghlaichean a'gluasad a Cambridge air an t-Sàmhradh seo.