Creagan's Càraichean timcheal Loch Carrain

20 Am Faoilleach 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Seallaidhean de sheach-rathad an t-Sròim
Carbadan a' siubhal air an loidhne rèile.
Carbadan a' siubhal air an loidhne rèile.
Luchd-obrach aig aghaidh na creige.
Luchd-obrach aig aghaidh na creige.
Ministear na Còmhdhail, Cè Brown BPA
Ministear na Còmhdhail, Cè Brown, an làthair aig an làraich.
Loidhne rèile
Obair ullachaidh son carbadan a leigeil air an loidhne rèile. Bidh cothrom aig càraichean is eile siubhail air a seo 7 là san t-seachdain eadar 7m. gu 7f.
Neach-obrach
Lìon ga chur thairis air na creagan.
Loidhne rèile
Obair deiseil airson carbadan a ghiulain air an loidhne rèile
Neach-obrach
Neach-obrach a' ceangail nan creagan còmhla.
Diogar, neadan 's creagan air an rathad
Air 22na An Dùbhlachd 2011, thuit na h-uidhear a chreag air seach-rathaid an t-Sròim, an A890. Tha an leithid air tachairt grùnn thursan bho chaidh an rathad fhosgladh an-toiseach ann an 1970.
Diogar, làraidh agus creagan air an rathad
Thòisich obair air an rathad ann an 1967. Thug e trì bliadhna, air a' cheann thall an rathad, a tha mu 2.5 mìle a dh'fhaid, a chriochnachadh. Chaidh an tunail a chithear an cùil an deilbh a thogail aig an àm gus earainn dhen rathad a dhion bho mhaoimean-slèibhe.
Tunail maoim-slèibhe air an A890
Tha an tunail maoim-slèibhe a' cur dion air earainn bheag dhen rathad agus an loighne rèidhle.
Tunail maoim-slèibhe air an A890
Thachair am maoim-slèibhe air taobh a' Phluic dhen an tunail.
An loighne rèidhle, diogar agus creagan air an rathad
Ged a tha leithid a mhaoimean-slèibhe aig amanan a' toirt buaidh cuideachd air an loighne rèidhle, cha do bhuail an tè seo ìnnte idir.
Pìos dhen bhruach a thuit air an rathad
Thàinig còrr 's ceud tonna de chreig a-nuas bho shliabh na beinne os cionn an rathaid mhòir, a' fàgail an toll seo.
An rathad air a sgioblachadh
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu faodadh an rathad fhosgladh gu tur mu mheadhan a' Ghearran. Thathas cuideachd a' dol a choimhead air grùnn roghainnean airson na h-ùine fhada - eadar tunail na maoim-slèibhe a leudachadh, 's drochaid a thogail thar Caol an t-Sròim. Dh'fhaodadh gun cosg e na deugachadh mhilleanan fuasgladh maireanach fhaighinn ge ta.
Càraichean a' dol air an rèidhle aig seach rathad an t-Sròim
Às dèidh maoim-slèibhe san aon sgìre san Damhair 1990, fhuaireadh cead an loighne-rèidhle làimh ris a chleachdadh airson carbadan fhaighinn seachad. Tha an aon slighe rathaid eile seachad air, cha mhòr ceud gu leth mìle a dh'fhaid.
Soidhne rathaid Phort an t-Sròim.
Tha an soighne rathaid a tha a' comharrachadh Port an t-Sròim ainmeal, leis nach eil aiseag chunbhalach ann tuilleadh. Bho thràth ann an 2012, tha bàta-aiseig air a bhi a' ruith a-rithist ge ta, 's bàta-chàraichean Ghleann Eilge - an Glenachulish a' ruith thar a' Chaoil.
Soidhne rathaid Phort an t-Sròim air atharrachadh.
Tha dealbh de bhàta a-nis an àite am facal "No" air an t-soighne.