Iarrtas son taigh-spadaidh san Eilean Sgitheanach

  • 19 Am Faoilleach 2012
Rathad san Eilean Sgitheanach
Image caption Tha astar fada aig cuid de chroitearan ri dhol son faighinn gu taigh-spadaidh

Thuirt Caidreachas Croitearachd na h-Alba (SCF) gu bheil na duilgheadasan siubhail a dh'adhbharaich a' mhaoim-slèibhe air rathad an t-Sròim a' dearbhadh gum bu chòir do thaigh-spadaidh a bhith ann an sgìre an Eilein Sgitheanaich agus Loch Aillse.

Tha dùil gun cuir mar a tha an A890 dùinte maill air feadhainn a tha a' dèanamh air fèill reithichean ann an Inbhir Pheofharain Diciadain.

Bidh aig feadhainn a tha a' siubhail bhon Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse ri dhol taobh Inbhir Mhoireasdain.

Tagradh

"Tha e mar tha a' toirt trì uairean de thìde do dhaoine siubhal à ceann a tuath an eilein gu Inbhir Pheofharain le beathaichean.

"Cuiridh seo uair de thìde ris an turas, a tha mar thà gu math fada, gu Inbhir Pheofharain," thuirt Dòmhnall Murdie bhon SCF.

Dh'innis Mgr Murdie gu bheil an SCF an-dràsta ag ullachadh tagraidh son airgead fhaiginn bho Riaghaltas na h-Alba.

Tha iad a' sireadh ionmhais a phàigheas son rannsachaidh faic an gabh taigh-spadaidh coimhearsnachd a thogail san Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse.

Aiseagan

Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd nach tèid bacadh a chur air daoine bho a bhith a' giulain bheathaichean air an aiseag eadar Sròm Carranach agus Port an t-Sròim.

Thàinig air an ùghdarras ionadail dà bhàt-aiseig a chur air an t-slighe sin an dèidh dhaibh fios fhaighinn gur dòcha gum bi rathad an t-Sròim dùinte mìos eile.

Gabhaidh clàr-ama nan aiseagan fhaighinn air làrach-lìn na Comhairle.

Timcheall a' BhBC

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile