Keyboard Access Tips

To play Cho Luath 's a Ghabhas - Cho Luath 's a Ghabhas you need to enable JavaScript. How?

Cho Luath 's a Ghabhas - Cho Luath 's a Ghabhas

Taic ann a bhith a' leasachadh sgilean obair-cinn matamataigeach aig ìre bun-sgoile: Neonidhean. Schools programme to support the development of good mental arithmetic skills.

Thairis air an t-sreath tha Bella Bhragail agus Pòl Pongail a' stiùireadh sgoilearan gus na sgilean obair-cinn matamataigeach aca a leasachadh. Bheir iad air na sgoilearan a bhith ag obair an aghaidh a chèile, an aghaidh Bella agus Pòl agus an aghaidh a' ghleoca ann an suidheachadh a tha aotram agus tlachdmhòr.

Anns a' phrògram seo tha iad air chuairt gu Stadium Meadowbank ann an Dùn Èideann far a bheil aca ri sia ceistean a fhreagairt agus 's e bhith ag obair le neonaidhean an earrann teagaisg.

Tha na prògraman air an dealbh gus taic a thoirt do chlann a tha ag obair a dh'ionnsaigh na dara ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais. Tha iad cuideachd a' sealltainn cho cudromach 's a tha obair-cinn matamataigeach anns an fharsaingeachd agus anns an t-saoghal mhòr, chan ann a-mhàin a thaobh obair sgoile.

Tha na ceistean 's nam freagairtean a tha anns a' phrògram rim faighinn anns na notaichean tidseir, cuide ri ceistean cruaidh eile, agus tha iad sin rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam.

  • Broadcast on BBC Radio Nan Gaidheal, 2:30PM Sun, 25 Nov 2012
  • Available until 12:00AM Thu, 1 Jan 2099
  • First broadcast BBC Radio Nan Gaidheal, 11:30AM Fri, 23 Nov 2012
  • Categories
  • Duration 20 minutes

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.