|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
"Slighe na croitearachd a-nis soilleir"
|
||||||||||||||||||||||
Thuirt Ministear na h-Àrainneachd 's nan Cùisean Dùthchail, Mìcheal Russell, gu bheil e an ìre mhath air tighinn gu co-dhùnadh
air poileasaidh airson dreach de bhile croitearachd a dhèanamh.
Bruidhinnidh e aig co-labhairt Bunait Croitearachd na h-Alba ann am Barraigh a-màireach, ach thuirt e gu bheil an còmhradh a-nis an ìre mhath seachad, 's gu bheil an tìde ann gluasad air adhart. Tha ceistean mar chùmhnantan gan cur air taigheadas agus planaichean airson Ùghdarras nan Croitearan atharrachadh fhathast a' togail connspaid ge-tà. Fo na planaichean a th' aig an Riaghaltas, thèid na pàirtean de dh'Alba far a bheil croitearachd a' dol a roinn ann an sia sgìrean, le comataidh an ceann gach tè. 'S iad cathraichean nan comataidhean seo a nì suas an dàrna cuid de na stiùirichean air Ùghdarras nan Croitearan. Thuirt Mgr Russell gun tig e gu aonta le ùghdarrasan ionadail mu bhith a' cur chùmhnantan-fuirich air taighean croite. Tha e cuideachd airson co-obrachadh le croitearan, ùghdarrasan ionadail agus a' bhuidheann HIE airson croitearachd a leasachadh. Tha Mgr Russell den bheachd gur e seo an dòigh air prìsean taighean a leigeil, agus daoine òga a chumail ann an àiteachan iomallach. Thig dreach de bhile a-mach as t-earrach, le achd ùr deireadh na bliadhna. Thèid achd sgioblachaidh air croitearachd a-mach cuideachd san ath-Phàrlamaid. |
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Co-labhairt Bunait na Croitearachd06 An Dàmhair, 2008 | Naidheachdan
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||