Cinnidhean anns na SA: deamografaidh

Mapa a’ sealltainn iomadachd chinneadail sna Stàitean Aonaichte

Staitistearachd: United States Census Bureau, 2013

Aig toiseach 2016, bha àireamh-sluaigh nan Stàitean Aonaichte aig 323 millean. Tha dùil gum bi an àireamh-sluaigh nas àirde na 400 millean ann an 2050. Tha cuid de bhuidhnean a' dol am meud nas luaithe na feadhainn eile.

Aig a' chunntas-sluaigh mu dheireadh, bha an sluagh:

  • 62.6% Geal
  • 17.1% Hispanic no Latino
  • 13.2% Ameireaganaich Afraganach
  • 5.3% Ameireaganaich Àisianach
  • 1.4% Eile

A thaobh nan cànan a th' air a bhruidhinn:

  • 82.1% aig a bheil Beurla mar an cànan màthaireil
  • Spàinntis 10.7%
  • Cànan Eòrpach eile 3.8%
  • Àisia agus Eileanan a' Chuain Shèimh 2.7%
  • Eile 0.7%

Ameireaganaich Afraganach

Tha àireamh-sluaigh nan Ameireaganach Afraganach nas àirde na 500,000 ann an 15 stàitean. 'S iad Ameireaganaich Afraganach am mion-chinneadh as motha ann an 24 stàitean. 'S iad Hispanics am mion-chinneadh as motha ann an 20 stàit.

'S ann ann am prìomh-bhaile nan Stàitean Aonaichte, Washington DC, a tha an àireamh-sluaigh as motha de dh'Ameireaganaich Afraganach (51%), agus an dèidh seo, 's e Mississippi a th' ann (37%). Tha còrr agus leth de shluagh nan Ameireaganach Afraganach (54%) a' fuireach anns na stàitean a deas.

Tha am beàrn eaconomach a bha eadar cinnidhean air lùghdachadh. Tha buidheann mhòr de dh'Ameireaganaich Afraganach san eagar mheadhanach agus ann an 2000, bha 47% air an dachaigh a cheannach.

Ann an 2004, am measg nam mion-chinnidhean, b' iad Ameireaganaich Afraganach aig an robh an dàrna teachd a-steach a bu mhotha, às dèidh Ameireaganaich Àisianach. Ann an 2001, bha còrr agus leth de theaghlaichean Ameireaganach Afraganach anns an robh càraid pòsta a' cosnadh barrachd air $50,000. Ann an 2010, bha mu 1.1 millean Ameireaganach Afraganach a' cosnadh còrr agus $100,000 sa bhliadhna.

Tha buaidh cuideachd air a bhith aig prògraman gnìomhachadh dearbhach affirmative action a tha a' cuideachadh Ameireaganaich Afraganach a' faighinn dhan oilthigh no le obair fhaighinn.

Àireamh-sluaigh Hispanic

A rèir cunntas-sluaigh nan SA ann an 2010, tha 22% de dhaoine Hispanic ann am bochdainn, còrr agus an dà chuid den ìre ghnàthaich de 12.6%. Tha mòran dhaoine Hispanic ann an Ameireaga glè mhath dheth, gu h-àraidh an fheadhainn a thàinig à Cuba agus a tha a' fuireach ann an stàitean leithid Florida. Ach, tha dragh ann mu thrioblaidean nan in-imrichean Hispanic a tha ann am bochdainn agus a' fuireach san dùthaich gun chead.

Thathar a' gabhail ris gun do rinn Ameireaganaich Afraganach mòran obrach airson Ameireaga a dhèanamh na dùthaich bheairteach chumhachdach. Ach, tha buidhnean a tha a' strì airson còraichean a' chinne-daonna ag ràdh gu bheil suidheachadh nan in-imrichean a tha a' fuireach san dùthaich gun chead san là an-diugh coltach ri tràilleachd. Ann an oidhirp faighinn a-mach à dubh-bhochdainn dùthchannan meadhan Aimeireaga agus Aimeireaga a Deas, gu h-àraid Meagsago, tha mòran a' cur am beatha ann an cunnart airson 'El Norte' no 'An Tuath' a ruighinn. Tha mòran dhaoine Hispanic a' fuireach ann an stàitean faisg air crìochan Mheagsago.