Pàrlamaid na RA

Taigh nan Cumantan

Anns an RA, faodar an t-slighe gu co-dhùnaidhean poilitigeach a roinn ann an trì diofar phàirtean.

Ìomhaigh a’ sealltainn Pàrlamaid na RA - Taigh nan Cumantan, Taigh nam Morairean agus Am Monarcachd

Tha gach BP a' riochdachadh sgìre (ris an canar roinn-phàrlamaid). Tha Buill nan Cumantan (BP) a' deasbad ceistean mòra an latha agus a' cur molaidhean air adhart airson laghan ùra.

You need to have JavaScript enabled to view this video clip.

Ciamar a tha siostam phoilitigeach na RA ag obair?

Tha Buill Pàrlamaid bhon phàrtaidh a tha a' riaghladh (no an dà phàrtaidh a tha a' riaghladh, mas e co-bhanntachd a th' ann) a' tighinn còmhla airson Caibineat a cruthachadh.

'S iad na dreuchdan sa Chaibineat na h-obraichean as cudromaiche a tha sa Phàrlamaid. 'S e am Prìomhaire a bhios a' stiùireadh a' Chaibineit.

Mar a tha roinn-pàrlamaid no seat ga bhuannach ann an Taigh nan Cumantan

Taigh nam Morairean

'S e Taigh nam Morairean an dàrna seòmar de Phàrlamaid na RA agus tha na Morairean a' cur ris an obair a tha Taigh nan Cumantan a' dèanamh. Bidh iad a' dèanamh laghan, a' cumail sùil air obair an riaghaltais agus a' rannsachadh phoileasaidhean.

Tha mu 800 ball ann an Taigh nam Morairean agus 's e 'Morairean' a chanas sinn riutha.

You need to have JavaScript enabled to view this video clip.

Ciamar a tha Morairean air an taghadh do Thaigh nam Morairean?

Tha a' mhòr-chuid dhiubh air an taghadh leis a' Phrìomhaire, uaireannan air sàillibh gu bheil iad nan sàr-eòlaichean ann an roinn air choreigin. Tha cuid eile ann leis gu bheil iad nan Easbaigean ann an Eaglais Shasainn. Tha cuid eile ann seach gun d' fhuair iad an t-seat aca tron athraichean.

Am Morair Alan Sugar

Am Morair Alan Sugar

Am monarcachd

Faodar a ràdh gur e monarcachd bhun-reachdail no constitutional monarchy a tha anns an t-siostam poilitigeach againn.

A dh'aindeoin seo, tha e cudromach cuimhne a chumail gur iad an dà Thaigh Pàrlamaid a bhios a' dèanamh nan laghan againn. Chan eil am monarcachd ach a' toirt Aonta Rìoghail (Royal Assent) dha na laghan.

Chan fhaod am monarc leiteachas a shealltainn do phàrtaidh poilitigeach sam bith. Cha bhi e/i a' gabhail gnothach ann an dòigh sam bith ri obair na Pàrlamaid. Chan eil monarc air Aonta Rìoghail a dhiùltadh airson còrr agus 300 bliadhna. A thaobh na bun-stèidh, 's e Riaghaltas na Bànrighe a tha againn anns an RA.

A Mòrachd a' Bhanrigh agus Morairean ann an Taigh nam Morairean

A Mòrachd a' Bhanrigh agus Morairean ann an Taigh nam Morairean