Bochdainn na cruinne

Tha bochdainn a' toirt buaidh air gach dùthaich timcheall an t-saoghail. 'S ann glè ainneamh a tha aon dùthaich air fad bochd, ach tha cuid de shluagh na dùthcha sin ann am bochdainn. Ann an dùthaich bheairteach, leithid na RA, tha mòran dhaoine a tha bochd. San aon dòigh, tha mòran dhaoine beairteach a' fuireach ann an dùthchannan leithid Tanzania a thathar a' meas gu math bochd.

Tha Buidheann nan Dùthchannan Aonaichte (UNO: United Nations Organisation) a' feuchainn ri smachd a chumail air bochdainn agus tha iad air Amasan Leasachaidh na Mìle Bliadhna (MDGs: Millennium Development Goals) a chur air chois airson an soirbheachas a thomhais. 'S e a bhith a' lùghdachadh ìre bochdainn prìomh amas na buidhne. Tha iad ag amas air an àireimh sa cheud de dhaoine a tha a' cosnadh nas lugha na $1 gach là a lùghdachadh 50% eadar 1990 agus 2015.

Luchd-togail air sgafallachd fiodha ri structar breige

Luchd-togail air sgafallachd fiodha ri structar breige

Tha adhartas mòr air tighinn ri linn obair bhuidhnean leithid an UNO, cobhair bho dhiofar dhùthchannan, faochadh bho fhiachan agus fàs eaconomach ann an cuid de dhùthchannan Afraganach. Tha nas lugha de dhaoine bochd san là an-diugh na bha bho chionn deich bliadhna, agus tha a h-uile coltas gun ruig an UNO an t-amas aca bochdainn a lùghdachadh 50% ro 2015. Ach, chan eil seo a' ciallachadh nach bi bochdainn fhathast na thrioblaid san t-saoghal, oir tha grunn mhilleanan a' fuireach ann am bochdainn agus tha seo a' toirt buaidh mhòr air am beatha agus air an dùil-aoise.