BBC HomeExplore the BBC

4 December 2009
Accessibility help
Text only
Commissioning

BBC Homepage
»
 

Contact Us

Like this page?
Send it to a friend!

 
BBC Alba (BBC Craoladh nan Gaidheal)
Clàr - Channel Schedule




BBC Alba

Tha BBC Craoladh nan Gŕidheal a’ frithealadh seirbheisean air rčidio, telebhisean agus air an eadar-lěon.

Word documents to download

ALBA Stiùireadh (61 Kb)

Cuairt Coimiseanaidh

Tha seirbheis BBC ALBA air a ruith fo chead-craolaidh a’ BhBC agus air a riaghladh le MG ALBA agus leis a’ BhBC.

Cuairt Coimiseanaidh Geamhradh – 2009/10
Ceann-ama airson beachdan phrògraman – 8 Faoilleach, 2010 aig 1f.
Ceann-ama airson co-dhùnaidhean co-bhanntachd MG ALBA/BBC –29 Faoilleach, 2010.
Bidh sinn airson gun tèid programan an libhrigeadh bhon Lùnastal 2010 agus nas fhaide air adhart ach dh’fhaodadh e bhith gum bi e nas tràithe cuideachd.
Thèid gabhail ri tagraidhean airson ath-choimiseanadh de phrògraman neo sreathan cuideachd.
Dh’fhaodadh buidseatan eileamaid co- mhaoineachaidh a thoirt a-steach, ach chan ann bho chraoladair farpaiseach.

LEIRMHEAS A’ CHLÀR PHRÒGRAMAN.

San fharsaingeachd, tha trì beàrnan sònraichte aig BBC ALBA gach latha seachdaineach:

8:30 f – prògraman leth uair a thìde a tha ag amas a mhàin air coimhearsnachdan Ghàidhlig agus an cuid ùidhean
9:00 f – prògraman uair a thìde, an da chuid aithriseach agus cur-seachad a tha ag amas air luchd-amhairc nàiseanta  (aois 40 +)
10:00 f – prògraman leth uair a thìde, gu h-àraidh cur-seachad, ag amas air, gu nàiseanta, luchd-amhairc nas òige.

Tha a chuairt coimiseanaidh seo ag amas air prògraman airson na beàrnan shònraichte seo ach cuideachd a’ cuir fàilte air tagraidhean airson prògraman chloinne agus prògraman comharraichte, àrd-shuidheachail.

BEACHDAN MU PHRÒGRAMAN.
Bu chòir do thagraidhean ainmeachadh dè am prògram air a bheil iad ag amas sa chuairt seo.
Bu chòir geàrr-chunntas cruthachail, goirid, le fiosrachadh mu thàlantan air beulaibh is air cùl camara agus buidseat a bhith an cois gach tagradh.  Cha bu chòir dhan tagradh a bhith nas fhaide na aon duilleag A4 airson gach prògram.  Faodar cothrom a thoirt leudachadh air na geàrr-chunntasan sin tro agallamhan leis na tagraichean.

1.
Am prògram:  Sgeulachdan làidir brosnachail mu shòisealtas Albannach an latha an-diugh no sgeulachdan eadar-nàiseanta a thogadh ùidh luchd-amais Albannach. 
A’ chiad shliotan craolaidh: Latha seachdaineach, 9f.
Cruth: prògraman aithriseach de 58-59 mhionaidean a dh’fhaid.
Luchd-amais: Coitcheann, ach gu sònraichte boireannaich.

2. 
Am prògram:  Cur-seachad, ceòl, dòigh-beatha neo programan aithriseach
A’ chiad shliotan craolaidh: Caochladh.
Cruth: Sreath de 2-6 phrògraman aig 58-59 mhionaidean neo 29 mionaidean a dh’fhaid an urra.
Luchd-amais: Coitcheann

3.
Am prògram:  Prògraman comharraichte, àrd-shuidheachail a tha ag amas air buaidh mhòr air luchd coimhead is/no luchd-breithnichidh telebhisein
A’ chiad shliotan craolaidh: Caochladh.
Cruth: prògraman singilte, gu taghte de co-dhiù 58 mhionaidean, ach thèid beachdachadh air dràma no beachdan beothantachd nas giorra cuideachd.
Luchd-amais: Caochladh – bu choir dhan riochdaire seo a dhaingneachadh.


4.
Am prògram:  Prògraman anns am bi ùidh shònraichte no ionadail dha coimhearsnachdan na Gàidhlig
A’ chiad shliotan craolaidh: Caochladh.
Cruth: Sreath de co-dhiù 5 phrògram aig 29 mhionaidean a dh’fhaid an urra.
Luchd-amais: Coimhearsnachdan Gàidhlig, a gabhail a-staigh clann.

 

Dreach chinn-latha airson Cuairtean Coimiseanaidh eile.
Tha MG ALBA agus am BBC a’ sùileachadh gum bi dà chuairt coimiseanaidh eile ann an 2010.
Cuairt Coimiseanaidh Samhraidh – 2010.
Dreach ceann-ama airson beachdan phrògraman – 20 Cèitean, 2010 aig 1f.
Dreach ceann-ama airson co-dhùnaidhean bho cho-bhanntachd MG ALBA/BBC – 18 Òg Mhios, 2010.
Cuairt Coimiseanaidh Geamhraidh 2010/11.
Dreach ceann-ama airson beachdan phrògraman – 5 Faoilleach, 2011 aig 1f.
Dreach ceann-ama airson co-dhùnaidhean bho cho-bhanntachd MG ALBA/BBC – 28 Faoilleach, 2011.


Bidh cunntas air na cuairtean coimiseanaidh sin air am foillseachadh nas fhaisge air na dreachd chinn-latha sin.  Gabhaidh co-bhanntachd MG ALBA/BBC beachdan airson prògraman a tha co-cheangailte ri ceann-latha sònraichte eadar na cuairtean àbhaisteach aig àm sam bith agus feuchar ri na co-dhùnaidhean coimiseanaidh a thilleadh cho luath ’s a ghabhas.

Bu choir ceistean mu nì sam bith anns a’ chuairt coimiseanaidh seo a chur gu Fiona NicChoinnich, aig fiona.mackenzie@mgalba.com.



Duilleag air ùrachadh air 12.10.09





About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy