Go Jetters - Alba

This activity should take 15 mins

Do this activity on CBeebies
Go Jetters

Go Jetters - Alba

Coinnich Kyan, Xuli, Foz agus Lars; ceathrar Go Jetters a tha an tòir air fealla-dhà, a tha beò shuas anns na sgòthan agus is fìor thoigh leotha a bhith a’ siubhail air feadh an t-saoghail!

Le Ubercorn an aon-adharcach a’ cumail smachd orra, gabhaidh na Go Jetters ri misean sam bith agus thèid iad an sàs annta le bhith a’ lorg fuasglaidhean air duilgheadasan, ag obair còmhla agus a’ cruthachadh nithean ùra, feumail.

Anns gach geama tha droch-isean, Sàr-mhaighstir Glitch, a’ gabhail gnothaich agus a’ sgrios aon àite no sgìre ainmeil agus feumaidh na Go Jetters cùisean a chuir ceart agus an àite no an sgìre a shàbhaladh.

Tha geamannan Go Jetters loma-làn spòrs, fealla-dhà, nithean feumail ùra, ceòl diosgo agus tòrr mòr fiosrachaidh mu chruinn-eòlas – a’ tabhann deagh thoiseach-tòiseachaidh air a’ chuspair do chlann òga.

Tha Go Jetters a’ cuideachadh clann:

  • a bhith ag ionnsachadh facail agus fiosrachadh co-cheangailte ri cruinn-eòlas
  • beachd fhaighinn air co ris a tha ar Cruinne-cè coltach, agus na h-ainmean a th’ air diofar àiteachan agus feartan ionnsachadh
  • bruidhinn mu agus tuigse fhaighinn air diofar dhaoine agus àiteachan an t-saoghail
  • a bhith misneachail mu cò iad agus càite bheil iadsan anns an t-saoghal
  • urram a thoirt dhan Chruinne-cè agus a bhith a’ gabhail cùram airson na h-àrraineachd.

  • Leugh mu na caractaran

    Kyan
    Tha an Go Jetter Kyan dèidheil air spòrs, gu h-àraidh lùth-chleasachd, agus tha e air a tharraing gu làraich ainmeil mar an Grand Canyon. Tha e dàna agus cabhagach, a’ dèanamh rudan gun smaoineachadh agus gu math tric bidh aig a charaidean ri sealltainn dha gu bheil rudan mar as tric nas fheàrr ma dh’obraicheas a h-uile duine còmhla.

    Xuli
    ‘S i Xuli paidhleat an Jetpad, agus chaidh a trèanadh ann an Acadamaidh GoJet. Tha i mar piuthar mhòr aig a’ chòrr dhen sgioba, gu math tric tha i a’ gabhail cùisean os làimh nuair a tha a h-uile duine eile a’ call an ciall agus feumach air taic.

    Foz
    Ged as e Foz an Go Jetter as òige, ‘s ann aige a tha an eanchainn as gèire, agus ‘s e a bhios a’ tighinn an àirde le na planaichean as fheàrr. Uaireannan ge-tà, tha na tòimhseachain aige a’ toirt cho fada an obrachadh a-mach ‘s gu feum a charaidean cabhag a chuir air na freagairtean.

    Lars
    ‘S e Lars meacanaig an Jetpad, agus chan eil càil nach càirich e. ‘S e an Go Jetter as àirde, agus is fìor thoigh leis a bhith a’ tadhal air Tùr Eiffel. Bidh Lars a’ sealltainn dha charaidean gur e an dòigh as luaithe air rud a chàradh uaireannan an dòigh as ciallaiche – còrdaidh Lars ri pàrant sam bith a bhios a’ dol an sàs ann an DIY san spot, agus gun smaoineachadh cus mu dheidhinn ro-làimh!

    Ubercorn
    ‘S e Ubercorn, aon-adharcach a tha dèidheil air ceòl diosgo, a bhios a’ cumail rian air na Go Jetters. Bidh e a’ cur na miseanan aca air chois agus a’ cumail smachd air cùisean bhon bhalla-diosgo far a bheil e stèidhichte. ‘S e tidsear cho tarraingeach ‘s a b’ urrainn a bhith aig duine sam bith, làn misneachd agus airson an t-eòlas a th’ aige air cruinn-eòlas a roinn leis h-uile duine eile!

    Sàr-mhaighstir Glitch
    ‘S e fìor dhroch isean a th’ ann an Sàr-mhaighstir Glitch – tha e an-còmhnaidh a’ milleadh làraich ainmeil na Cruinne-cè agus ag adhbharachadh duilgheadasan air am feum na Go Jetters fuasgladh fhaighinn. Cleas iomadh nach olc ann an cartùnaichean, còrdaidh e ri clann a bhith ag èigheachd ‘s a’ gearain mu Shàr-mhaighstir Glitch.

    Do this activity on CBeebies

    BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

    This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.