Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Miligaffe

Niall O’Gallagher | 2011-09-29, 12:43

Chan eil fios againn fhathast cò leanas Iain Gray mar cheannard Albannach a' phàrtaidh Làbaraich.

Ach madainn an-diugh, bha e coltach nach robh fios aig Ed Miliband fiù 's cò bha a' seasamh airson na dreuchd.

Ann an agallamh le mo charaid Tim Reid dh'fhàilig air Mgr Miliband Ken Mac an Tòisich ainmeachadh mar thagraiche airson a' cheannais ann an Alba.

Thuirt sgiopa Mhgr Mhiliband gun robh e air a nàireachadh, ach gum b' e seo ficheadamh agallamh na maidne.

Ach cuiridh seo ris a' chuid a tha a' faighneachd a bheil tagraiche làidir gu leòr airson na dreuchd.

Agus a' chuid eile a tha a' faighneachd a bheil Mgr Miliband a' tuigsinn dè cho dona 's a tha cùisean don phàrtaidh aige ann an Alba, agus cho duilich 's a bhitheas e dha fhaighinn gu Àireamh a Deich as aonais nam ball-pàrlamaid Albannach a thèid a chall ma bhòtas Alba airson neo-eisimileachd.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.