Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Dàibhidh Camshron na phrìomhaire

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-05-11, 20:47

Le beagan fhaclan taobh a-muigh Àireamh a Deich thòisich am prìomhaire ùr an dreuchd aige.

Rinn Dàibhidh Camshron luaidh air an t-seann phrìomhaire agus thuirt e gun robh e airson co-bhanntachd làn a chruthachadh leis na Lib Deamaich.

Tha duil ri barrachd naidheachd mu dheidhinn sinn ro dheireadh na h-oidhche.

Ach dìreach dà uair on a dh'fhàg Gòrdon Brown, chaidh Mgr Camshron tron doras dhubh le bhean, Samantha, agus bha riaghaltas ùr againn.

Anns na làithean a tha romhainn ionnsaichidh sinn tuilleadh mun riaghaltas ùr agus na tha roimhe.

Ach 's e oidhche eachdraidheil a tha againn a-nochd.

Eachdraidh

Airson a' chiad uair o 1979, tha prìomhaire Tòraidheach ann an Àireamh a Deich.

Agus as dèidh 13 bliadhna ann an cumhachd bidh aig buill-pàrlamaid Làbarach ri suidhe air na beingean dùbhlanach.

Ceud bliadhna on a chaidh an riaghaltas Libearalach mu dheireadh a thaghadh, fo cheannas H.H. Asquith, 's choltach gum bi Lib Deamaich aig bòrd a' chaibineit.

Chì sinn dè a' bhuaidh a bheir sin air na Lib Deamaich aig an taghadh Albannach an ath-bhliadhna.

Bidh Ailig Salmond agus an SNP an dòchas gun toir barrachd Albannach taic do neo-eisimileachd agus riaghaltas Tòraidheach aig Westminster.

Chrìoch linn ann an eachdraidh Bhreatainn a-nochd - agus tha te eile a-nis a' tòiseachadh.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.