Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Dàrna roghainnean

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-02-09, 11:38

Tha Gòrdon Brown airson referendum a chumail as dèidh an taghaidh gus taic fhaighinn bhon mhòr-shluagh airson an siostam-bhòtaidh ann am Westminster atharrachadh.

Dh'fhaodadh sibh tomhas gu bheil Mgr Brown ag amas air taic fhaighinn bho na Lib Deamaich mas e is gum bi pàrlamaid gun mhòr-chuid nuair a thèid bhòtaichean a chunntadh.

Anns an eadar-ama, tha aige ri taic fhaighinn bho na buill a tha a' frithealadh Westminster an-dràsta.

Ged nach eil plana Mhgr Brown a' dol fada gu leòr dhaibh, tha dùil gun bhòt na Lib Deamaich air a shon.

Ach tha na Tòraidhean an aghaidh atharrachaidh sam bith don t-siostam-bhòtaidh.

Agus tha dùil ri ar-a-mach bho chùl-bheingearan a' phrìomhaire fhèin.

Sgaraidhean

'S e cuspair a tha seo a dh'adhbhraicheas sgaraidhean anns a' phàrtaidh Làbarach.

Bha gealltanas air atharrachadh don t-siostam-bhòtaidh ann am manifesto a' phàrtaidh ann an 1997.

Ach b' e an fhìrinn gun robh tòrr anns a' phàrtaidh gu tur na aghaidh agus cha mhòr nach do dh'fhalbh a' chuspair far a' chlàir as dèidh foillseachadh aithisg Jenkins ann an 1998.

Mar sin, tha na Lib Deamaich gu math amharrasach mun tionndadh as ùire ann an sgeulachd nan Làbarach air a' chùis.

Carson a tha iad ga chur air adhart cho anmoch anns an là agus an taghadh beagan mhìosan air falbh?

A rèir Chris Huhne, chan e ach tionndadh beachd air leabaidh a' bhàis a tha seo.

Cosgaisean

Thuirt Mgr Brown, ge-tà, gun robh sgainneal nan cosgaisean a' fàgail cliù Westminster feumach air togail.

Dh'fhàgadh siostam nan bhòt roghnach - no AV - gum biodh taic nas fharsainge aig buill-pàrlamaid, a-rèir a' phrìomhaire.

Fon t-siostam, dh'fheumadh tagraiche taic fhaighinn bho co-dhiù 50% den luchd-bhòtaidh mus deidheadh a thaghadh.

('S e ceist eile cho domhainn 's a bhiodh an taic seo agus cuid dhith a' tighinn bhon dàrna - no fiù 's treas - roghainnean.)

Chan e PR a tha ann ge-tà - aig an taghadh mu dheireadh fhuair na Làbaraich 55% de na seataichean le dìreach 35% de na bhòtaichean.

Cha dèanadh AV càil gus dèiligeadh ri sin.

Ùine

'S dòcha gu bheil sin a' mìneachadh carson a tha grunn Làbarach na aghaidh - agus carson nach eil ann ach darna roghainn airson nan Lib Deamach.

Tha sinn a' creidsinn gum faodadh 40 ball-làbarach bhòtadh an aghaidh an riaghaltais.

Dh'feumadh an àireamh sin èirigh gu 60 gus am bi aca ri taic a' lorg bho na pàrtaidhean eile.

Mar sin dheth, is coltach gun tèid e troimhe - aig an ìre-sa.

Ach fiù 's ma thèid, chan eil cus coltais gum bi ùine gu leòr ann airson a chur ann an lagh ron taghadh choitchean.

Ach tha sùil Ghòrdon Brown air an taghadh sin - agus na beagan làithean as a dhèidh.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.