Blog Poileataigeach Naidheachdan Blog Poileataigeach
Help / Taic

Blog Poileataigeach homepage

A' tionndadh air ais bhon t-sabaid

Niall O’Gallagher | 2012-05-23, 14:34

Beachdan (0)

Dhearbh an SNP nach tèid polasaidh a' phàrtaidh air Nato a dheasbad aig ath choinneamh Comhairle Nàiseanta a' Phàrtaidh ann am Peart an ath-mhìos.

O chionn cola-deug, as dèidh Òraid na Banrigh, chaidh innse dhomh gun robh ceannas a' phàrtaidh fhathast airson a' chùis a thogail nuair a bha na taghaidhean ionadail seachad.

An-dràsta, 's e polasaidh an SNP gum biodh Alba neo-eisimeileach a' fàgail na buidhne.

Ach bha dùil gum moladh ceannardan a' phàrtaidh gum biodh Alba a' fuireach ann an Nato ged a chumadh iad ris a' ghealltanas aca cur às do dh'armachd niùclasaich air talamh na h-Alba.

Tha iad airson sin a dhèanamh fhathast, ach 's coltach a-nis nach tèid an deasbad a chumail ron fhoghar.

Dè thachair?

Mì-chinnt

A-raoir, thuirt labhraiche an SNP gun do dh'fhàg mì-chinnt mun bhuaidh a bheireadh air Alba le ath-sgrùdadh dìon an riaghaltais aig Westminster gun robh dùil a-nis gun deigheadh seo a dheasbad aig co-labhairt a' phàrtaidh as t-fhoghar.

Ach chuir an co-dhunadh iongnadh air co-dhiù cuid de bhuill nàiseantach an seo aig Holyrood.

Thuirt fear dhiubh dhomh gun do rinn ceannardan a' phàrtaidh deuchainn air an uisge agus cha robh e cho blàth is a bha dùil.

Agus, 's dòcha nach robh an t-àm ceart agus an iomairt oifigeal airson neo-eisimeileachd gus tòiseachadh Dihaoine.

Is coltach an-diugh gu bheil ceannardan an SNP air tionndadh air ais bho shabaid air seo.

Ach thig i fhathast agus na sgaraidhean anns a' phàrtaidh mu dheidhinn Nato gu math follaiseach.

A' feitheamh ceud bliadhna

Niall O’Gallagher | 2012-05-10, 14:52

Beachdan (0)

Nuair a thilleas a' Bhànrigh gu Taigh nan Morairean anns an àm ri teachd airson fosglaidh rìoghail na pàrlamaid, am bi buill an dà thaighe air an taghadh?

Chan eil mise cinnteach.

Carson? An toiseach, mar a sgrìobh mi an seo roimhe, tha Lib Deamaich agus, nas tràithe, Libearalaich ann am Breatainn air a bhith ag ràdh seo o 1911, nuair a b' iad am pàrtaidh as motha ann an riaghaltas na dùthcha.

Agus, tha tòrr bhall Tòraidheach gu tur na aghaidh.

Tha cuid air a bhith ag ràdh mar-thà nach e seo an t-àm a bhith cosg ùine a' bruidhinn mu bhun-reachd (argamaid a chleachdadh an Alba cuideachd, mus do bhuannaich an SNP a' mhòrchuid aca aig Holyrood).

Ach 's e an fhìrinn nach biodh àm sam bith anns am biodh cuid dhiubh deònach cruth nam Morairean atharrachadh.

"Ciallach"

Ach dè tha am prìomhaire fhèin ag iarraidh?

An-dè, cha tuirt Dàibhidh Camshron ach gun robh e "ciallach" do phàrlamaid a' chùis seo a dheasbad.

Chan eil sin a' ciallachadh gun cuir e taic ris, air neo gun toir e air na cùl-bheingearan aige sin a dhèanamh.

Cuimhnich dè thachair le AV.

An uair sin, thuirt Dàibhidh Camshron gun robh e glè dheònach referendum a chumail air atharrachadh don t-siostam-bhòtaidh gus taic fhaighinn bho na Lib Deamaich, ged a bhiodh e ag argamaid na aghaidh.

Rinn e sin, bhòt na daoine agus chaidh atharrachadh a dhiùltadh.

Cleas

Bliadhna on uair sin, tha a mhòrchuid aig Camshron fhathast agus tha ath leasachadh an t-siostaim bhòtaidh nas fhaide air falbh na bha e roimhe.

A bheil am prìomhaire a' feuchainn ris an aon chleas a chluich an turas-sa?

Lean dàrna Òraid na Bànrigh o ghluais e gu Àireamh a Deich toraidhean doirbhe don cho-bhanntachd aig na taghaidhean ionadail.

Dh'fheuch Mgr Camshron agus Mgr Clegg ris a' cho-bhanntachd ùrachadh an là mus do dh'fhosgail a' Bhànrigh a' phàrlamaid.

Leis an òraid fhèin, bha dithis aca airson sealltainn gun robh iad fhathast aonaichte.

Ach b' fheudar dhaibh dearbhadh cuideachd gun robh an luchd-taic aca fhèin a' faighinn rudeigin bhon chàirdeas eadar an dà phàrtaidh.

Prìs

Bidh sin nas doirbhe don phàrtaidh as lugha ann an co-bhanntachd.

Mar sin, 's dòcha gun robh deasbad air Taigh nan Morairean na phrìs a bha Mgr Camshron deònach pàigheadh gus an leas-phrìomhaire a chuideachadh leis a' phàrtaidh aige fhèin.

Ach cha bhi deasbad gu leòr.

Mus faic sin dàrna seòmar le 80% de bhuill air an taghadh, feumaidh am moladh taic fhaighinn bho mhòrchuid de bhuill Thaigh nan Cumantan.

Mus do dh'fhàg mi Westminster an-diugh, cha robh tòrr dùil gun tachradh sin.

Mura tachair, am bi Libearalaich a' feitheamh ceud bliadhna eile?

Smuaintean mun taghadh ionadail

Niall O’Gallagher | 2012-05-01, 11:55

Beachdan (0)

Shaoileadh tu gum bu chòir taghaidhean ionadail a bhith mu dheidhinn chùisean...ionadail.

Diardaoin, bidh Albannaich a' taghadh nan daoine air am bi dleastanas airson nan seirbhisean a chleachdas sinn bho là gu là.

Ach an seo aig Holyrood, tha na pàrtaidhean a' coimhead orra mar shlat-tomhais an t-suidheachaidh nàiseanta.

Bliadhna on turas mu dheireadh a chaidh luchd-bhòtaidh do na bogsaichean-baileit, ciamar a tha gach pàrtaidh a' dèanamh?

Dè am beachd a tha aig daoine mu na rinn iad anns a' bhliadhna a dh'fhalbh?

Agus dè tha seo uile a' ciallachadh airson an deasbaid air neo-eisimeileachd?

Adhartas

As dèidh dhaibh mòrchuid fhaighinn aig an taghadh Albannach an-uiridh, tha an SNP airson sealltainn gu bheil iad fhathast a' dèanamh adhartas.

Ach dè tha ann an adhartas aig an taghadh seo?

Ma thèid a' bhòt aca suas an taca ris na taghaidhean ionadail mu dheireadh - fiù 's ma tha i nas ìsle na bha an-uiridh - canaidh iad gun d'rinn iad adhartas.

Tha an SNP an dòchas cuideachd gun cuir iad ris na tha aca de chomhairlichean.

Ach, bidh e nas dorra dhaibh cur ris an àireamh de chomhairlean a tha fon smachd.

Tha sin gu mòr mar thoradh air an t-siostam bhòtaidh.

Ìoranas

Bha tòrr Làbarach an aghaidh a' ghluasaid gu PR airson thaghaidhean ionadail agus iad draghail gun dèanadh e cron orra fhèin.

Ach, mar a thachair leis na Tòraidhean aig Holyrood, 's e an t-ìoranas gur e PR a dh'fhaodas na Làbaraich a shàbhaladh an turas seo.

Fàgaidh e, mar eisimpleir, gum bi e air leth doirbh don SNP làn smachd fhaighinn air Comhairle Bhaile Ghlaschu agus PR ga dhèanamh doirbh do phàrtaidh sam bith mòrchuid fhaighinn.

Tha fios agam - 's e sin a bha mi ag ràdh mus d'rinn iad an dearbh rud aig an taghadh Albannach an-uiridh.

Ach tha trioblaid eile ron SNP - an-uiridh, chaidh tòrr dhen bhòt Lib Deamaich do na nàiseantaich.

Ma thachras sin a-rithist, bidh e doirbh dhaibh pàrtaidh eile a lorg airson co-bhanntachd a chruthachadh mas iad am pàrtaidh as motha air comhairle ach gun mhòrchuid aca.

Cothrom

On taghadh an-uiridh, tha na Làbaraich, na Tòraidhean agus na Lib Deamaich uile air ceannardan ùra a thaghadh.

Ach, 's e seo a' chiad chothrom a bhitheas aig an luchd-bhòtaidh beachd a thoirt seachad orra.

Mar sin, tha Johann Lamont, Ruth Davidson agus Willie Rennie airson sealtainn gu bheil na pàrtaidhean aca a' dèanamh adhartas cuideachd.

As dèidh an toraidh uabhasaich do na trì pàrtaidh sin aig an taghadh Albannach, bidh na ceannardan ùra co-dhiù airson dearbhadh nach eil iad a' dèanamh nas miosa leis an làimh-san air an stiùir.

Sin ceistean do Dhihaoine, nuair a thèid na bogsaichean fhosgladh agus gach bhòt a chunntadh.

An toiseach, ge-tà, feumaidh an sluagh an roghainn aca a dhèanamh.

Stiùireadh bbc.co.uk

BBC © 2012 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.