Blog Poileataigeach Naidheachdan Blog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Atharrachadh beachd an SNP air Nato?

Niall O’Gallagher | 2012-02-28, 14:59

Tha mi a' tuigsinn gu bheil ceannas an SNP airson polasaidh a' phàrtaidh air Nato atharrachadh.

Dh'innis neach a tha faisg air a' Phrìomh Mhinistear dhomh gun robh iad a' beachdachadh air seo a mholadh don phàrtaidh, 's dòcha cho tràth ris an t-samhradh-sa.

An-dràsta, 's e poileasaidh an SNP nach biodh Alba neo-eisimeileach na ball dhen bhuidhinn dìon.

Ach a-nis, tha ceannas a' phàrtaidh airson taic fhaighinn airson poileasaidh ùir, far am biodh Alba fhathast taobh a-staigh na buidhne, ach as aonais armachd niuclasaich.

Tha iad a' creidsinn gum biodh seo na chuideachadh mòr dhaibh inntinn dhaoine a chur gu fois mu shàbhailteachd Alba neo-eisimeiliche.

Ach cha bhi seo furasta.

Cnap-starra

Dh'fheuch iad ri seo a dhèanamh turas eile, ach cheumnaich iad air ais as dèidh mar a nochd fearg a-measg ballrachd a' phàrtaidh.

An turas-sa, tha an duine ris an do bhruidhinn mi fhìn ag ràdh gu faodadh daoine coiseachd a-mach bhon SNP mar thoradh air seo, ach gun gabh am pàrtaidh ris aig a' cheann thall.

Cleachdaidh iad eisimpleir Nirribhidh - an dùthaich as fheàrr leis an SNP an-dràsta - a tha na ball Nato ach aig nach eil armachd niuclasach.

Do chuid air làmh chlì a' phàrtaidh, tha am poileasaidh gus Nato fhàgail na shamhla dhen t-seòrsa dùthcha a tha iad ag iarraidh.

Ach do cheannas a' phàrtaidh dh'fhaodadh e a bhith na chnap-starra eatorra agus neo-eisimeileachd fhèin.

'S coltach gu bheil sabaid mhòr air fàire.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.