Blog Poileataigeach Naidheachdan Blog Poileataigeach
Help / Taic

Tasglannan airson 2011-12

Bile a' gràin-creidimh troimhe

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-12-14, 17:30

Beachdan (0)

Mar a bha dùil, chaidh am bile gus dèiligeadh ri gràin-chreideimh troimhe.

Agus, mar a bha dùil, bhòt na dùbhlanaich uile na aghaidh.

Anns a' bhliadhna ùir, gabhaidh binn còig bliadhna a chur air daoine a tha ri dol a-mach mì-shòisealta aig geamannan buill-coise, air an t-slighe thuca air neo anns an taigh-seinnse a' coimhead orra.

Bidh cead aig na cùirtean binn còig bliadhna a chur cuideachd air daoine a tha ri gràin-chreideimh air loidhne.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil na cumhachdan seo a dhìth agus gu bheil na poileis gan iarraidh.

Ach tha na dùbhlanaich dhen bheachd nach deach an argamaid a dhèanamh air an son.

Connspaid

Fiù 's an-dè, bha na Làbaraich aig iarraidh air an riaghaltas am bile seo a chur don dàrna taobh.

Cha do thachair sin - ach bidh cothrom aig BPA seo a sgrùdadh a-rithist an ceann dà bhliadhna.

Anns an eadar-ama, tha an SNP an dòchas gun crìon a' chonnspaid mun bhile seo nuair a chì daoine na cumhachdan ùra gan cur gu feum gach seachdain.

Ach an-diugh, tha trioblaid eile aig Ailig Salmond agus aig an riaghaltas gu lèir.

Sin, an èist an sluagh riutha gur e dòigh ghlic a tha seo gus dèiligeadh ri trioblaid mhòr?

Air neo an creid iad nach eil an riaghaltas mòrchuid seo deònach èisteachd ri comhairle sam bith, bhon phàrlamaid fhèin air neo bho thaobh a-muigh?

Dà Aonadh

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-12-13, 10:26

Beachdan (1)

Dè tha an trot anns an Roinn Eòrpa a' ciallachadh do dh'Alba?

As dèidh deireadh-seachdain de shamhchair bhon SNP air a' chùis, sgrìobh Ailig Salmond don phrìomhaire gus ceistean fhaighneachd mun cho-dhunadh taic a dhiùltadh do chunnradh ùr Eòrpach.

Carson, sgrìobh am prìomh mhinistear, nach do bhruidhinn Dàibhidh Camshron ri Dùn Èideann, Cardiff agus Beul Feirste mus deach e don Bhruiseil?

Agus, an do thomhais e a' bhuaidh a bheireadh seo air Alba?

Do Mhgr Salmond, chuir seo ris an argamaid airson àite iarraidh do dh'Alba fhèin aig a' bhòrd deasbaid.

Thuirt Àireamh a Deich gun robh freagairt air an t-slighe.

Amaideas

Ach, thuirt labhraiche Mhgr Chamshroin, bha e coltach gun robh am prìomh mhinistear a' feuchainn ri aire a thoirt air falbh bho na ceistean Eòrpach air fhèin.

Air a' mhìos a chaidh anns na Cumantan thuirt Rùnaire na h-Alba, Mìcheal Moore, gur e amaideas a bha ann an smaoineachadh gum faigheadh Alba a-steach don Aonadh Eòrpach gun chòmhradh a bhiodh doirbh, fada agus cosgail.

Ach, mar a dh'aithris sinn air An Là oidhche Haoine, is coltach nach e sin an trioblaid as motha aig Mgr Salmond.

A rèir Aidan O'Neill QC, cha bhiodh aig Alba neo-eisimileachd ri àite iarraidh anns an Aonadh Eòrpach idir.

Da rèir-san, tha Alba na pàirt dhen Aonadh Eòrpach mar-thà agus cha b' fheudar dhi ach aithneachadh iarraidh bho na dùthchanan eile.

Agus, na bheachd-san, rachadh a' Chùirt Eòrpach an aghaidh gnìomh sam bith a chuireadh Alba a-mach bhon Aonadh, leis gur e sìobhaltaich an Aonaidh Eòrpaich a tha ann Albannaich mar-thà.

Bacadh

Sin beachd an Àrd-Ollaimh Anndra Scott aig Oilthigh Dhùn Èideann cuideachd.

'S e plana an SNP an aithneachadh sin iarraidh as dèidh bhòt airson neo-eisimileachd gus am biodh Alba na ball bhon chiad là.

Chan eil na dùthchanan eile airson càil a ràdh mu dheidhinn àite Alba neo-eisimiliche anns an Aonadh Eòrpach agus iad airson trot a sheachnadh le Lunainn.

Ach tha grunn dhaoine air innse dhomh fhìn nach tèid bacadh poileataigeach sam bith a chur air ballrachd na h-Alba fhad 's a thig Holyrood agus Westminster gu aonta eatorra fhèin.

Bhiodh sin mar phàirt dhe na còmhraidhean eadar an dà riaghaltas as dèidh an referendum.

Agus tha sin gar toirt air ais don litir bho Mhgr Salmond gu Mgr Camshron.

Sgaradh

Tha am prìomhaire earbsach gu bheil an luchd-bhòtaidh ann an Sasainn a' cur taic ris na rinn e anns a' Bhruiseil an t-seachdain a chaidh.

Agus, tha misneachd aige gum fuirich Nick Clegg agus am pàrtaidh aige anns a' cho-bhanntachd, a dh'aindeoin na feirge aca leis na thachair.

Ach dè mu dheidhinn muinntir na h-Alba?

Tha sgaradh eadar Lunainn agus Dùn Èideann air an Aonadh Eòrpach.

Ach le referendum air fàire am bhòt Albannaich gus an t-aonadh Breatanach fhàgail mar phrìs airson àite fhaighinn aig a' bhòrd anns a' Bhruiseil?

Tha an deasbad seo a' gluasad gu luath.

Ministearan Ùra

Niall O’Gallagher | 2011-12-06, 17:46

Beachdan (0)

Tha Ailig Salmond air crathadh beag a thoirt air sgiopa nam ministearan aige.

'S i Angela Constance am Ministear ùr airson Cion-cosnaidh na h-Ògraidh

Gabhaidh Aileen Chaimbeul an t-seann dhreuchd aicese mar Mhinistear na Cloinne.

Agus tha dreuchd airson Derek MhicAoidh mar Mhinistear airson Riaghaltais Ionadail agus Dealbhachaidh.

Tha dùil gun tèid an ainmeachadh gu h-oifigeil anns an t-seòmar a-màireach.

Meal an naidheachd dhaibh uile.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.