Blog Poileataigeach Naidheachdan Blog Poileataigeach
Help / Taic

Blog Poileataigeach homepage

Ceist na Gàidhlig

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2013-03-04, 12:25

Beachdan (0)

 

Pàipear-bhòtaidh dà-chànanach

Pàipear-bhòtaidh Èireannach air Cunnradh Lisbon

"Am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeilich?"

Bidh cuid agaibh a chreideas gum bu chòir, cuid eile, nach bu chòir.

Tha fios againn gu bheil tòrr nach tàinig gu co-dhùnadh fhathast.

Agus, 's cinnteach, gu bheil feadhainn eile a tha coma co-dhiù.

(Ged as dòcha nach bi mòran dhen t-seòrsa sin a leughas blog mar seo).

Ach, ge bith ur freagairt, cha bhi cothrom agaibh a dhèanamh anns a' Ghàidhlig.

Tuigsinn

Dhearbhadh sin leis an leas-phrìomh mhinistear, Nicola Sturgeon mar fhreagairt do cheist bho bhall nàiseanteach na h-Easglaise Brice, Aonghas Dòmhnallach.

Bheachdaich i nach robh a' Ghàidhlig a dhìth air sgàth 's gun robh luchd na cànain a' tuigsinn na Beurla.

A bheil i ceart?

A rèir Achd na Gàidhlig (2005), 's e a tha anns a' Ghàidhlig ach 'cànain oifigeil na h-Alba' a tha airidh air 'co-ionnanachd spèis leis a' Bheurla'.

A bheil co-dhunadh an riaghaltais gun Ghàidhlig a chleachdadh a' dol an aghaidh sin?

Thèid fàilte a chur air ur beachdan uile.

Ceist ga freagairt

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2013-01-31, 10:46

Beachdan (0)

"Am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeilich?"

Sin a' cheist a bhios air a' phàipear-bhaileit anns an referendum air neo-eisimeileachd ann an 2014.

Chan e "a bheil thu ag aontachadh gum bu chòir" ach dìreach "am bu chòir".

Fhuair Coimisean an Taghaidh gun robh a' chiad dreach - a mhol an riaghaltas nas coltaiche toirt air daoine bhòtadh air a son.

Tha an dreach ùr - dan rèir-san - nas soilleire, nas sìmplidhe, agus bheir e cothrom na Fèinne do gach taobh.

Agus, tha iadsan ag aontachadh - gu poblach co-dhiù.

Moladh

Bho thaobh an Aonaidh, thuirt Alistair Darling gun robh e toilichte nach do gabh an Coimisean ri "ceist thaobhach" Ailig Salmond.

Airson an riaghaltais, thuirt an leas-phrìomh mhinistear Nicola Sturgeon gun robh i "air a dòigh" leis a' cheist ùir agus gum moladh i don phàrlamaid i - a' fàgail gun tèid i troimhe.

Bidh i co-dhiù cho toilichte, ge-tà, leis na mhol an Coimisean air maoineachadh nan iomairtean.

Thèid a' chrìoch airson an dà phrìomh iomairt - Yes Scotland agus Better Together - a dhùblachadh bho £750,000 gu £1,500,000.

Ach mhol an Coimisean gum bi pàrtaidhean an Aonaidh agus pàrtaidhean neo-eisimeileachd gan cur còmhla ann an dà bhuidhean le cha mhòr an aon chrìch air nas urrainn dhaibh cosg.

Fàgaidh sin nas duilghe e do phàrtaidhean an Aonaidh fada a bharrachd a chosg.

 

Fiosrachadh

Ach ged a tha fios againn a-nis dè a' cheist, tha ceist ann fhathast.

Anns an aithris aca, mhol an Coimisean gum bu chòir barrachd fiosrachaidh fhoillseachadh mu na thachradh às dèidh na bhòt.

Aig Ceistean a' Phrìomhaire an-dè, thuirt Dàibhidh Camshron nach gabhadh e ri còmhradh air "Alba a' falbh bhon Rìoghachd Aonaichte" air thoiseach air a' bhòt fhèin.

Ach, fàsaidh an t-uallach air an dà thaobh a-nis barrachd a ràdh mu na dh'fhaodadh "bu chòir" no "cha bu chòir" ciallachadh.

Tòisichidh sin le aithrisean air a' chùis bhon dà riaghaltas.

Agus, anns a' Mhàrt, thig am bile, agus fios air an là.

Deireadh na connspaid?

Bha dùil againn gun deigheadh connspaid na comhairle laghail a thogail aig a' chiad sheisean de Cheistean a' Phrìomh Mhinisteir an-diugh.

Ach cha deach.

Sin a dh'aindeoin a' chàinidh a bha anns an aithisg a nochd an-diugh - ged a fhuair an rannsachadh nach do bhris Ailig Salmond còd nam ministearan.

Chaidh na dùbhlanaich mun cuairt an-diugh a' feuchainn ri ar n-aire a thoirt do na h-earrannan nach robh math dha.

Agus rinn iad gearan ag ràdh gum bu bheag an t-iongnadh mun bhreith leis gun do thagh Mgr Salmond fhèin am britheamh.

Ach 's dòcha gun robh an tost aca anns an t-seòmar na fhianais nach d'fhuair iad na bha iad ag iarraidh.

Troimhe-chèile

Fhuair an rannsachadh nach robh Mgr Salmond a' feuchainn ri toirt air daoine creidsinn gu robh fianais shònraichte aig Riaghaltas na h-Alba mu bhallrachd Alba neo-eisimeiliche anns an Aonadh Eòrpach.

Ach fhuair Sir Dàibhidh Bell gun do dh'adhbhraich na thuirt Mgr Salmond ri Anndra Neil anns an agallamh aige troimhe-chèile, agus gum bu chòir dha bhith na bu shoilleire.

Thuirt Mgr Bell cuideachd gum bu chòir Còd nam Ministearan fhèin atharrachadh airson cùisean mar seo a sheachnadh anns an àm ri teachd.

Bha am prìomh mhinistear fhèin riaraichte gu leòr.

Cho riaraichte 's gur esan a thog a' chùis anns an t-Seòmar aig àm na ceist.

Ach ma tha a' chonnspaid mun chomhairle - cha mhòr - seachad, tha a' chonnspaid nas fharsainge mu neo-eisimeileachd agus an Aonadh Eòrpach ann fhathast.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.