Did you know?

We also have Bitesize study guides covering many subjects at National 4 and National 5 on our Knowledge & Learning BETA website.

Gàidhlig

Ro-radh

  • Duilleag
  • 1
  • 2
Air Ais

Anns a' ghrèim sgrùdaidh seo, coimheadaidh sinn air aon dòigh air ceist sgrìobhaidh.

Ro-ràdh

Anns an deuchainn:

  • Dèan cinnteach gun cùm thu sùil air an ùine anns an deuchainn.

  • Tha 60 mionaid agad uile gu lèir, ach chan eil seo a' ciallachadh gu bheil an ùine sin agad airson sgrìobhadh.

  • Bheir e 's dòcha 2-3 mionaidean na ceistean a leughadh agus d' inntinn a dhèanamh suas dè a' cheist as fheàrr dhutsa.

  • Tha mu 57 mionaid air fhàgail agad a-nis agus feumaidh tu 3-5 mionaidean eile a chur seachad a' smaoineachadh dè an structar a tha gu bhith air an aiste. (Bheir na mind-maps ann am Bitesize cuideachadh dhut le sin.)

  • Tha mu 52 mionaid agad agus faodaidh tu tòiseachadh a' sgrìobhadh a-nis airson 30-40 mionaid.

  • Dh’fhaodadh tu 5-10 mionaidean fhàgail aig an deireadh airson a dhol thairis air na sgrìobh thu. Feumaidh tu an aiste agad a leughadh agus dèanamh cinnteach gu bheil gach rud a sgrìobh thu ceart agus a' fighe ri chèile.

Comhairle mu sgrìobhadh aiste:

  • Feumaidh tu freagairt a sgrìobhadh a tha a’ cumail ri cuspair na ceiste.

  • Na gabh cus uallaich mun àireamh de dh’fhaclan. ‘S e cho math ’s a tha an sgrìobhadh agad an rud a tha a’ cunntadh.

  • Mar as trice cha bhi barrachd air 15-20 facal anns gach seantans anns a’ mhòr-chuid de sgrìobhaidhean an-diugh.

  • Tha eadar 3-5 seantansan anns gach paragraf anns a' mhòr-chuid de sgrìobhaidhean an-diugh.

  • Tha seo a’ ciallachadh gur dòcha gum bi eadar còig agus seachd paragrafan anns a' chuid as motha de dh’aistean airson na deuchainn seo. Chan eil sin ri ràdh nach bi barrachd na sin aig feadhainn

  • Cuimhnich, 's e cho math 's a tha an sgrìobhadh agad an rud a tha a' cunntadh agus cuideachd cho math 's a tha thu air a' cheist a fhreagairt.

  • Duilleag
  • 1
  • 2
Air Ais

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.