Bitesize has changed! We're updating subjects as fast as we can. Visit our new site to find Bitesize guides and clips - and tell us what you think!

Did you know?

We also have Bitesize study guides covering many subjects at National 4 and National 5 on our Knowledge & Learning BETA website.

Dachaigh > Gàidhlig > Sgrìobhadh > Sgrìobhadh cruthachail

Gàidhlig

Sgrìobhadh cruthachail

  • Duilleag
  • 1
  • 2
  • 3
Air Ais

Anns a’ ghrèim sgrìobhaidh seo coimheadaidh sinn air aon dòigh air ceist Sgrìobhadh cruthachail a fhreagairt.

Sgrìobhadh cruthachail

Ron deuchainn:

  • Ron deuchainn coimhead air seann phàipearan deuchainn. Gheibh thu feadhainn a-nis bhon làraich-lìn aig SQA. Dh’fhaodadh tu cuideachd dreach-plana a sgrìobhadh airson cuid de na ceistean.

  • Bu chòir dhut cuid de na ceistean a fhreagairt a’ cumail cuimhne air an ùine a tha agad airson freagairt a sgrìobhadh.

Anns an deuchainn:

  • Leugh tro na ceistean gu faiceallach agus tagh ceist ’s urrainn dhut fhreagairt. Tha e nas fheàrr mionaid no dhà a chosg a’ leughadh tro na ceistean gu lèir na bhith a’ stad aig a’ chiad cheist a tha a’ còrdadh riut.

  • Dèan cinnteach gum freagair thu a’ cheist a tha anns a’ phàipear.

  • Na dìochuimhnich àireamh na ceist a thagh thu a sgrìobhadh sìos.

  • Thoir tiotal dhan a’ phìos agad.

  • Cùm sùil air an uair agus fàg tìde aig an deireadh airson sùil a thoirt air na sgrìobh thu, a’ dèanamh cinnteach nach do dh’fhàg thu mearachdan nad sgrìobhadh.

  • Duilleag
  • 1
  • 2
  • 3
Air Ais

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.